Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
33
ann nach creicl gu bheil " suil dheas " idir aca, no
eadhon smuirnein san t-suil chearr ri spionadh a
mach. Nach b'ann de 'n bhuidheann sin an t-
Olla ffutton — aon de thriallairean na Voluntaries —
a thubhairt bho cheann beagan tìm ann am baile
Eorres, nach robh anns a' chomhnadh a tha
reachd na rioghachd a luthasachadh do dh' Eaglais
na h-Alba bho laithean an Athleasachaidh, agus
a bhuannaichd Iain Knox le moran saothair ach
"Aodramain an Diabhuil" (the DeviVs bladders).
A reir coltais dhi-chuimhnich an t-Olla Hutton
an uair a labhair e na briathran sgreamhail, nach
" do ghabh Michael an t-Ard-aingeal, 'nuair a
chathaich e an aghaidh an diabhuil, agus a rinn e
deasboireachd mu chorp Mhaois, de dhànadas air
casaid thoibheumach a thabhairt 'na aghaidh."
Tha e ro iongantach gu'r ann mar is mo an
'■' t-sail " an suil duine is mo a chi e an smuirnein
an suil a chomhearsnaich. Agus am measg gach
comhstri bhiodh e feumail fhoghlum gu 'm bheil
na h-aon naimhdean spioradail aig a h-uile Criosd-
uidh air aghaidh an t-saoghail ; agus gu 'n tabh-
air eas-aonachd anns an Eaglais an Airc fa-
dheoidh an laimh nam Philisteach. Agus ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence