Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
26
na anns na ruagalaich a thig an drast agus a
rithist g'an dusgadh gu h-ar-a-mach.
Einn moran de mhinisteirean na h-Eaglais
Shaoir iad so a thabhairt g'am broilleach. Tha
iad uile 'nan cairdean a nis. An aontaich na
Gaidheil leo? Nach ann a their thusa, a
charaid : " 'Nan diomhaireachd na tigeadh m'
anam-sa ; r'an coimhthional m' onair-sa na bith-
eadh air a h-aonadh." B'e sin dol gu fairge an
uair a bhiodh an stoirm a sluaistreadh barr nan
tonn gu siobain gheala ghoilteach agus an sgioba
an ar-a-mach : An t-Olla Hutton ag glaodhaich an
aird a chinn, "thoir bh'uaipe an t-aodach," gun
suim ged bhiodh an long air a maslachadh ; an
t - Olla Eainy ag eigheach, " Thugaibh a stigh
sreath 'san t-seol mheadhoin ; " an t-Olladh Cin-
naideach ag radh : " Gleidhibh oirre mar a th'-
aice ; " agus an t-Olla Begg ag eigheach : " Cairibh
ridhe dh'fheuch am fuar i Eudha-nam-Marbh."
Ach mo chreach leir ! tha na siuil a nis air an
reubadh agus acfhuinn na stiurach air bristeadh ;
agus tha an long air uideal cuain. Co a rachadh
a mach air iomairt-bhathaidh le leithid so de
sgioba ? Nach bu phrìseil an sin a' chas air tir ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence