Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
an uair a tha nithean riochdail na siorruidh-
eachd a' fosgladh fa chomhair an anama ;
chi sinn iad ag urnuigh le cheile an tigh
a' bhroin ; agus chi sinn iad mar an ceudna
ag urnuigh mar le aon chridhe a' fosgladh
cuirtean sgoiltean ar sgìreachdean. Ach
O O
ann an aoradh follaiseach Dhia, an uair a
tha clag na h-Eaglais a' bualadh a thoirt
o o
cuireadh do 'n t-sluagh dol a suas lamh air
laimh do thigh aoraidh Dhè, chi sinn aon
bhuidheann a' dol aon rathad agus buidh-
eann eile a' dol rathad eile. 'Sann airson
Gaidheil ar Duthcha a thoirt fathast nis
dluithe air a' cheile ann an caoimhneas
agus ann an gradh an aoradh follaiseach
Dhia a chaidh na briathran a leanas a
sgriobhadh, agus an dochas gu'n dean gach
aon gach ni 'na chomas airson clach a chur
'san aitreamh, is mi,
Ar caraid durachdach,
D. M'F.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence