Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
112
Ach ge d' dh'f halbh cha 'n aim gun dòclias ;
Tha sinne ri bròn a's tuireadh :
'S ge d' a thaisgeadh leinn fo 'u fhòd sibh,
'Measg nam beò nach faicear tuilleadh,
Cha 'n ann am measg nam marbb a tha sibh,
Ach 'an tir a' ghràidh 's na naomhachd, —
'Mealtuinn comunn caomh an t-Slànuighir,
Ann am paras 'measg a naomh shluaigh.
An cridh' ge d' bha sibh aon uair salach
'Ghlanadh sibh 'an uisg' an fhuarain, —
'N tobar nach deach' oirnne fhalach
'Ni ar glanadh o gach truailleachd.
Sior thathaicheams' an tobar ceudna
'Ni gach creuchd a's lot a chàramh, —
Tobar glanaidh a' chroinn-cheusadh,
Deanam feum a's faigheam slaint' ann.
Ge d' mar scàrlaid tha mo plieacadh,
Dearg mar chorcar ge d' a tha e,
Nithear geal mi mar an sneachda
'Fhrasas o na nèamhan àrda.
Lionmhor iad ge d' tha mar ghaineamh,
No mar dhuilleach air na geugaibh ;
Dubhar iad a mach gu h-ealamh,
Tre èifeachd fola a' chroinn-cheusaidh.
Bidh 'n fhuil sin fòs 'n a baile didein
Do gach ciontach dh'iarras ann e ;
Chaoidh cha ruig air gath a mhillteir,
Bidh fuil los' 'n a dion gun taing dha.
Creid-sa so, 0! thus', a leughas,
'S dean dhuit fèin dhi stèidh do dhòchais,
T' achdair dean do'n Ti a cheusadh,
'S bheir e tearuinte gu glòir thu.
A. SINCLAIR, PRINTKK, ARGTLE STRKKT.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence