Skip to main content

‹‹‹ prev (84)

(86) next ›››

(85)
77
MUINGHINN 'SAN TIGHEARNA.
A Thighearna 's a Dhia nan Dè,
A'd' ionnsuidh fèin gach uair
Grad thigeamsa ri aire a's teinn,
Oir gheibli mi eisdeachd uait.
"Aon olc no urchaid a theaclid orm
Ni h-eagal learn 's ni'n cas;"
Oir fòir a's furtachd ni thu orm,
'S cha diobair thu gu bràth.
'N uair dh'fhailticheas an saogbal mi,
Gu furanach 's gu blàth,
Do d' ainm-sa moladh iocaidh mi,
Oir uait tha 'ghean 's a ghràdh.
'S 'n uair coimheach, iargalt dh'f hàsas e,
Fo smalan e 's fo ghruaim,
Cha dochain call a chàirdeis mi,
Oir tha mo Charaids' shuas.
A ghaol cha sir 's cha seachainn mi, —
A chall cha dean mo chlaoidh ;
'S e Dia mo dhion, 's na eisimeil
Bha, tha mi, 's bidh a chaoidh.
Tha 'n saoghal carach, caochlaideach,
Ge h-aoidheil e ri uair;
Mar chuibhrionn e cha roghnaichinn,
Cha' n fhaod e a bhi buan.
Mo sheilbh 's mo chrannchur 's Tusa iad,
A Thighearna, gu bràth,
'S cha diobair thu gu buileach mi,
'S cha bhuin thu uam do ghràdh.
! thigibh, faicibh 's creidimh so,
Gur maith 's gur mihs Dia,
Cha diobair e nachreideas ann, —
An clogad e 's an sgiath.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence