Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
66
Mar ghoìdeas an gaduicli' à cùil,
'S cha 'n fhalbh e gun sptiinn 's gun chreach.
'N uair dhliiitheas an t-aog ann a d' dhàil,
'S ro f hiata a's grànnd a shnuagh ;
'S cha 'n l'hògrar a mach e a' d' là'ir,
Gus an cuir e am blàr le buaidh.
Thriall sàmhradh a's earracb do làith',
'S tha thusa a' d' thriall gun saors',
'S cha d' fhògradh an galar 's a' phlaigh
A thilg tliu 'n a d' thràill an daors'.
'N siol chinnich 's a chuireadh a' d' fheòil,
A' d' leanabas 's a' d' big gu pailt,
An diong e gu sutliain, mar Ion?
Na 'n cum e thu beò gun aire?
Luidh sneachda na h-aoise mu d' gliruaig,
Thriall maise do shnuaigh gu lèir,
Reodh 'n smior a bha d' chnàimh a's an smuais,
Thraoigh a' chuisle bha uaibhreach' treun ;
Dh' eug fradharc a's dèarsa do shiil,
'S cha dean iad do stiùr' mar b' àbh'st;
'S tha dorsan na claisteachd 's a' chiiiil,
Air druideadh, gun sunnd, gun stàth.
'M bheil innleachd, no gliocas 's a' bhàs,
Dòigh tàraidh o chràdh 's o thruaigh?
Mar thuiteas a' chraobh air an làr,
An luidh i gu bràth 'sgu buan?
An cluinnear an rioghachd a' bhais
Aon iomradh gu bràth air saors' ?
Na 'm fuasglar o 'n geimhlibh gu bràth,
Na braighdean tha 'n sas an daors' ?
Am fàgar aon chraobh anns an lios,
Mar giiilain i meas a's blàth,
'S ann loisgear, mar chonnadh, gun mheas,
A' chrionach 's an dris gun stàth?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence