Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
51
Nach binn e, an ceòl a tba 'm cliluais!
Nach fonnar, ro uasal a's caoin !
A' direadli gu flaitlieauas suas
Ard mholadh an Uain a's a ghaoii ;
'S an ioghnadh ged lionte gach beul
Le 'mholadh gach re agus lò ?
Ged sgaoileadh le aoibhneas an ct^in —
Ged chliuithich le chèil' e gach slògh ?
'S an teampuU 's an còmhlaich a shluagh
A mholadh cha'n fhuar a's cha chlith ;
Tha Spiorad 'g an còmhnadh gu luaidh —
A' gleusadh 's a' gluasad an cridh' ;
Oir chunnaic iad.aiteal d' a ghlòir,
'S cha d' cheileadh a bhòichead o'nsùil ;
As dh'aontaich le h-aoibhneas a's deòin
An gaol a thoirt dha a's an run.
A chliiisan na faram nan teud
Is binne gach re agus ial ;
'S a ghràdhsan a's milse gach re
No mhil thig o 'n chèir tha do'n bhial ;
Ach thosd e! is dh'imich na slòigh,
Gu bòidheach gu'n còmhnuidhean fhein;
Gu foistinneach, farasda, fòill,
Le h-inntiunibh stòlda da rèir.
Tha 'm feasgar air ciaradh m' an cuairt,
'S gach creutair air gluasad gu tàmh ;
'S air aghaidh a chruinne 's an uair,
Luidh tosdachd, luidh suain agus pràmh.
Mar cluinnear measg dhuilleach nan crann
Caomh osnaidhean fann aig a' ghaoith —
'S mur cluinnear sèimh chaochain nan gleann.
No binn cheòl naomh dhàin agus laoidh.
Cha chluinnear air anail nan speur
Aon fhuaim a tha eutrom no tròra ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence