Skip to main content

‹‹‹ prev (54)

(56) next ›››

(55)
47
'Am chluais do sgeul biodh binn gu bràth.
Do m' bhlas ro mhilis biodh gach tràth,
Do theagasg biodh a'm' chridh' gach la,
A BhiobuilL
A'd' sgàthan àillidh chunn'cas thall.
An Ti mo shaorsa ghabh os làimh —
An Ti tha seasamh rium an dàimh.
A BhiobuilL
A chaoidh a'd' sgàthan shoilleir rèidh,
Sior dhearcam air, is faiceam e,
Gus 'na iomhaigh 'n dealram fèin.
A BhiobuilL
! gabh do thurus do gach tir,
Le d' theachdaireachd is torail brigh,
Ag aiseag pheacach dh' ionnsuidh sith.
A BhiobuilL
Rèidh gu'n robh do cheum thar tonn,
Gu'n cuartaich thu gach tir a's fonn,
'S gu'm brùchd fo bhlàth gach fasach lorn,
A BhiobuilL
URNUIGH ANN AN TRIOBLAID INNTINN.
Tha m' anam fo bhròn, tha m' anam fo leòn,
'S ro chianail mo dhòigh 's gur deurach;
Tha m' anam an sàs, an cuibhrichean bàis,
'S cha leighis 's cha slànuich lèigh mi :
Tha m' anam à gleus, — ruith, lasaich gach tend,
Rinn m' aighear gu lèir mo thrèigsinn :
Fuaim aoibhneis no ceòl cha lughdaich ri m' bheò,
Tròm eallach mo bhròin a's m' èislein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence