Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
44
Co thug dhomh sgeul air tiis gach ni —
Co thug dhoibh bith, a's cruth, a's brigh,
Le mais' a's oirdheirceas gun dith ?
Am Biobull.
Co dh'innseas dhomh mar las a' ghrian
A lòchraiu ghlòrmhor, lasrach, dhian?
shiorruidheachd gu bheil thu Dhia?
Am Biobull.
Co thug dhomh sgeul mo chruitheachd fein?
'S mo cheud staid shon am paras Dhè ?
M'àrd smachd os ceann gach ni fo'n ghrèin ?
Am Biobull.
Co dh'innseas dhomh gur àrd thu, Dhd,
Os ceann mo smaointean lag gu lèir,
Do ghlòir gu'n lion i talamh 's nèamh ?
Am Biobull.
Co dh'innseas dhomh le dearbhadh fior
Mar bhris mi'n tùs do lagh, 's do riar Ì
'S mar chaidh air seachran o Dhia ?
Am Biobull.
Co dh'innseas dhomh mo chor an tràs,
Gu firinneach gun bhreug, gun bhàigh,
'S gach fòtus a tha 'm chridhe 'tàmh ?
Am Biobull.
Co thug dhomh sgeul mu'm staid air tiis.
Mar thrèig mo neart mi a's mo liiths,
A dhit 'sa chasaid mi 'sgach cuis?
Am Biobull.
Co 'n sgathan anns am faic mi fein
Gach gràinealachd tha 'tamli am' chrè ?
'S gach dubhailc fholaicht' tha fo m' sgèith?
Am Biobull.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence