Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
ADHAMH AGUS EUBH. 18
ocrach, gu'n do ruìth na leanaban 'nan coinneamh, a' glaod-
hach " Bec. Bec." Chuir an rìgh, tha'n eachdraìdh aig-
innse dhuinn, do gach rioghachd, feuch ciod a chànain a
bha so; ma dheìreadh fhuaradh sluagh ann a' Phrigiay
cearn de Asia aig an robh Bec, no Beka, no biadh mar
ainm air aran.* A thiota dh'aidich an rìgh agus na slòigh
gu'm b'i so a cheud chanain." Ma 'si so a' stòri 'tha thu
'cialiachadh thai'cho fad air mo thaobhsa sa tha ì air do
thaobhsa ; oir co'n sluagh a bha 'n Phrigia 'san àm ? Bha
sluagh ris an abradh na Greugaich Gallia, no Galli agus
uaithe so, Gallilce — sluagh ris an abradh na Ròmanaich
Gauls, agus ris an abair sinne Gà'èil.f Ach ged tha so
math beir 'uam an argumaid f haoin ! Ma 's i Ghàèlig ìom-
haidh Nàduir, — Nàdur, mar gum b'e, air a' nochdadh ann an
sgàthan, cha tig an latha 'rachadh a' deanamh glaiste suas
ann am bothan fàsail. An dealbhadair a bheireadh dhuinn
leth-bhreac nàduir fèumaidh e 'dhol a' mach agus nàdur
'fhaicinn, agus na'm bu mhiann le Psammeticus a chiad
chànain 'f haotainn a mach le cinnt, leigeadh e na leanaban
fuasgailt' air feadh an t-saoghail — cruthaicheadh e iad 'nan
làn mheudachd, fear agus bean ; agus càradh e ann an gàradh
Eden iad, ann an staid neo-chiontais,
'Se'n ath cheap-tiìislich, "gu'n d' fhalbh a cheud chànain
leis an tuil — agus am beagan a dh'f hagadh gu'n deach a' cur
troirah cheile aig togail an Tìiir ?" Bha mi fein aon uair d'en
cheart bheachd so, gun smuain, ged chaidh an sean saoghal
a' sgrios leis an dile gu'n deach ochdnar a thearnadh — Gun
smuain gu'n robh an t-ochdnar so a' sìolachadh, agus a
labhairt na ceud chùnain, corr a's cuig ciad bliadhna an deigh
na dile, m'an do ghabh daoine 'nan ceann toiseachadh ri tùr
Bhabel — gun smuain nach dubhairt an Fhirinn riamh gu'n
deacha cainnt gach mac màthar a bh'air an t-saogbal a chur
• Teut. Bec. bread. ; hence Bek er, Baker, i. e. biadher. Pezron.
t Faic Sir \V. Betham's Gael and Cimbri.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence