Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
IV AN LITIR THEAKMUINN.
glan a tha e nis a' toirt fianuis nach deach' e riamh, fad cheithir
bliadhrC deug, a dh'iarraidh toraidh uait 'san Fhoghar, sgàile
'san t-Samhradh, no fasga 'sa Gheamhradh an diamhain.
Dh' fheudadh e moran a ràdh mu na feartan àrd a bhuiUch
do Dhia ort, agus am buil àrd a rinn thu dhiubh, mar is leir a
bhlàth an diugh air Gàèltachd na h-Alba, agus air rioghachd
na h-Eirionn, ach foghnadh aithris gu'n d'rinn, air a cheart
bhliadhna so fein — 'n uair tha naimhdean ar màthar a liobhadh
an slachdan — 'n uair tha ogluidheachd 'nan spèur a' cur gruaim
agus clos air a chuan — 'n uair tha foirm chèin na marcachd-
shine a' cur na sprèidhe gu fasga nan creag, 'sna h-èunlaith
gu bun nan dos — 'n uair tha na " dùilean auchdrach isìochdrach,"
mar gum beadh, a' cumail an analach m'an toisich an cogadh
iarmailteach a chriothnaicheas bunaite an domhain, foghnadh
aithris gu'n d' rinn Eaglais na h-Alba roghainn diot-sa mar a'
dìdein talmhaidh ; agus gu bheil i'n diugh gu tearuinnte, toil-
ichte, ga grianadh fein fo sgàil do gheug', agus fo dhìdein do
stuic. An ìoghnadh ged tha'n coigreach dìblidh so ag aslachadh,
mar a nis, beatha agus blàis uait mar thug thu d' a athair an
t-Ughdar?
'S i ùrnuigh agus dùrachd 'anama, 'n uair thig seas-ghriann
a Gheamhraidh, mar is eigin gu'n tig — 'n uair thuiteas an toradh
d'amb' abhaist cridhe aGhàèiIadheanamhait — 'nuair chrionas
an duilleach uaine, agus a f hrasas e na iphteaga bàna a' danns'
air an àile, gus an comhdaich e'n talamh mar le culaidh
Gheamhraidh — 'n uair chrùbas snodhach gu friamhach nan
crann, a theid a "ghlas-ghuib" air coisridh a chiùil, agus a theid
an seillein d'a sceap — 'nuair dhuineas daoine na h-uineagan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence