Skip to main content

‹‹‹ prev (295)

(297) next ›››

(296)
280 AN T-EILEANACH.
fead inu na cluasan aca, 's a macli a ghabli iad, an darna
fear a deanadh a dhicheall gus a bhi air thoiseach air an
fhear eile, agus am fear a cliailleadh a chasan, cha robh
dha ach a bhi g' am faotainn mar a b' fheàrr a b' urr-
ainn dha. Thàinig triùir no cheathrar dhiubh dh'
ionnsnidh dorus Cailleach-nan-sop cearta còmhla, agus
anns an strith dh' fheuch iad co bhitheadh a stigh an
toiseach. Ghreimich iad ann an each a cheile agus am
fear a bha air thoiseach 's ann an comhair a chiiil a
bha e dol a steach, agus anns an dòigh sin cha mhòr
nach do shaltair e air ordagan Chaluim mhoir is e 'n a
shuidhe g' a gharadh ri teinne mor mòna. " Air d' ath-
ais, a chladhaire," arsa Calum, " an e sin an dòigh gu
tighinn a steach do thigh neach sam bith 1 " 'us thug e
smùid do bhata do 'n bhalach mu na luirgeinean.
" Tha," ars' esan, " an Grioglachan * a call a chùrsa aon
oidhche deug roimh Nollaig Mhòr, agus 's e sin a nochd,
agus tha e mar àirde na gealaich do gach amadan 's an
dùthaich. Bha Pàruig amadan a stigh 'n a shuidhe air
furm beag agus thug e an cinniohdeadh ud air fhèin
agus ars' esan, " Chunnaic sinn tuilleadh 's an Griog-
lachan a call an cùrsa roimh Nollaig Mhoir, agus gu
seachd sònraichte roimh Nollaig bhig." Thachair gu'n
deachaidh Calum Mor uair-eigin o chionn fhada a dh'
iarraidh uisgebeatha na Nollaig do Thigh na Tiùrr a
bha sè mile bh' uaithe. Lion e am pige, agus lion e a
bhrù. An uair a thàinig an oidhche 's a dh' fheuch e
ri dol dachaidh, an àite aghaidh a thoirt an rathad a bu
choir dha 'sann a thiol mdaidh e calg dhireach an rath-
ad eile, agus fhuaradh an là-'r-na-mhàireach e ann am
* The seven star constellation.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence