Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
278 AN T-EILEANACH.
'S mi le iomaguin ga m' phianadli,
A dh' fhiach am mi fhin bh' ann,
Ghabh mi eagal bha fuasach,
Mu 'n ni bliuail aim am inntiuu,
'S bha mi feuchainn mu 'n cuairt orm,
An robh mo chluasan a' cinntinn,
No 'n d' fhàs mi 'm ass, no 'n d' fhàs mi 'm ass.
Ghabh mi seòrsa do mhisneach,
Ged 's ann an trioblaid a bha mi,
'N uair a dhùisg ann am aithre,
A huile gaisgeach o 'n d' thainig ;
! cha 'n ass mi gu cinnteach,
'n a bhruidh'neas mi Gàilig,
Gus na bhuail ann am inntinn,
Gu faod gur mi bh' aig Balaam,
Mu 'n champ o shean, mu 'u champ o shean.
Ach fhir a dh' ionnsaich dhomh 'n ere ideamh,
Cha b' e do choire nach d' fhùs mi,
Ann am each dhianadh sitir,
Mu 'n d' thainig fios o 'n a bhàs orm,
Cha robh mi idir a' gearan,
Na 'm b' ann a m' fheannaig a bha mi,
An sin cha 'n fhuirichinn 's a' bhaile,
Ach rachainn dhachaidh do 'n Ghàidhealtachd,
A spionadh chearc, a spionadh chearc.
Rinn an dòchas ud m' fhàgail,
Gu 'n deanainn fas ann am pheucaig.
Air feadh na flùr anns a' ghàradh,
'S a gabhail tàmh fo chuid gheugaibh,
Chaidh an smaointinn ud seachad,
'S mòr m' airtneul 's mo ghruaman,
'S gun fhios nach bi mi a' m' chartan,
An s;is am mart Iain 'Ic Ruairidh,
Taobh shuas Dhruim glas, taobh shuas Dhruim glas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence