Skip to main content

‹‹‹ prev (278)

(280) next ›››

(279)
AN T-EILEANACH. 263
bruidhinn riutha. Bha am muir Ian mar clhusan slat
do na casan aca, agus ciod sam bith a thàinig am
beachd an sgairbh thàinig e an uachdar ann an oir na
tuinne làmh riutha. Clia d' fhuirich e fada ag amharc
orra; thug e a cheann fodha agus ghabhadh e sùil gl6
bhiorach a dheanamh a mach co dhiu a bu sgarbh no
tunnag e an uair a dh' èiricli e. 'O nach seall sibh an
tunnag,' ars' Iseabal. 'Is an a th'ann sgarbh,' arsa
Mòr. 'Bu tu fhein sin an sgarbh,' ars' Iseabal; 'is ann
a th' ann tunnag'; agus bho 'n bheag gus a' mhòr gus an
robh na mnathan am mullach nam meall. Oha robh
innisg a ghabhadh faotainn bho linn an seanar nach robh
iad a' tilgeadh air a cheile, ach cha deach guth a thoirt
air a' phoit chreadha, co dhiu air dhoigh agus gun
tuigeadh na mnathan eile e. 'A chreutair luidich,
shuaraich, bhochd, 'nuair a bhiodh a'chridh agad
tunnag a radh ri m' leithidse de bhoirionnach,' arsa
Mor Bheag.
' A Mhòr,' arsa Iseabal, 'na 'n rachainn a thogail mo
mhàil-toisd * cho bitheanta 's a chaidh thusa dh' flieud-
teadh nach bithinn cho luideach no cho bochd.'
Thionndaidh Mor air falbh ; dh' f hag i an sud iad gun
fhacal tuilleadh a labhairt. Dh' eirich Iseabal 's ghabh
i stigh d' a tigh fhein agus dhùin i an dorus. Sheas na
mnathan eile le 'n suilean agus am beoil fosgailte gun
f hios aca de a theireadh iad ; ach bha Calum Caog-shùil-
each gun a bhith fada air falbh, agus an uair a smaoint-
ich e nach robh aig Iseabal ach i fhein, ghabh e stigh
tar an robh i. 'Ciod e cho fad 's a tha thu am beachd
a bhi a' cumail cuid nan dilleachdan uapa, Iseabal %'
* Hush-money.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence