Skip to main content

‹‹‹ prev (265)

(267) next ›››

(266)
250 AN T-EILEANACII.
gnothaicheann mora agus urramach mu 'n cuairt
orrasan. Gu de in' an deibhinn an drasda"?" "Tha
duine mòr fòghlumaichte an so," ars' am maigliistir
sgoil, "a tha deanadh a mach gur iad a's sine de na
fineachan Gàidhealach air fad. Agus a bhàrr air sin
gun robh iad ann fada roimh linn Noah fhein." "Tha
mi creidsinn a h-uile facal dheth," arsa Cailein, a's
neo-'r-thaing mur d'thug am maighstir-sgoil naighneachd
mhor fhada rèidh dha anns nach robh facal firinn, ged
bu dona an obair sin do mhaighstir-sgoile. Ach co
dhuibh cha bu leanabh Cailein, agus dh' fheudteadh
gu 'n robh sin ag atharrachadh na ciiise. Neo-'r-thaing
mur do sgaoil Cailein na naigheachdan so mu a luchd
cinnidh air feadh na duthcha agus anns gach àite san
rachadh e. Goirid an dèigh so chaidh Cailein gu
faidhir nan each, agus tha an seann fhacal ag ràdh
"Am fear neach toir gnothach do'n bhaile mlibr, gun
toir e gnothach as," agus b' ann mar sin a dh' eirich
dhasan. An uair a gbabh an dram ris gu math chuir
an oigridh gu seinn e. 'S b' i sin an t-seinn. Bha e
deanamh nan rann mar a bha e ga 'n gabhail ; cha d'
fhoghainn sud leò; thug iad air tòiseachadh air dannsa
rud nach facas e deanamh an tiis oige. An am fàgail
an tigh-òsda gu tighinn dachaidh thug e leis botul Ian
'na phòca. Chomhaii'lich iad dha dol do thigh duine
coir a bha 'n sin, agus a nighean iarraidh gu posadh.
Cha bu ruith ach leum le Cailein gu sud a dheanamh,
's an uair a choisich e fèin agus na h-òganaich a bha
leis dòrlach mhiltean do 'n astar 's a ràinig iad an tigh,
ghabh fear an tighe riutha gu suilbhearra. Bha e cho
eòlach air dòighean Chailein ri aon aca. Cha robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence