Skip to main content

‹‹‹ prev (262)

(264) next ›››

(263)
AN T-EILEANACn. 247
Cailein Gallda air cha 'n 'eil fios agam, cha 'n fhiosrach
mi gun robh e riamh air a' Ghalklachd. Thugadh
Cailein Gallda air ann an toiseacb a làithean agus lean
e riamh ris. B'e Cailein Dòmhnullach ainm an duine,
do na fior Dhòmbnullaicli mar theireadli e fein, ni as
an robh e deanamh raor uaill. Shaoileadh sibb gun
robh e tighinu beò air euchdan a shinnsiribh, a nuas
bho 'n cheud fhear air an cualas iomradh dhiubh, gus
a ruig a shean-athair, agus athair flièin. Na 'm biodh
daoine a' bruidhinn air eich a bha math 's a bha luath,
bha capull ban aig sean-athair Chailein a bheireadh
bàrr orra gu leir. Na 'm biodh iad a' bruidhinn air
bàtaichean, dheanadh an sgoth dhubh a bh' aig athair,
falach-cuain orra air fad. Cha robh e gu mùthadh sam
Inth Ic Cailein gu de cho fòghlumaichte na gu de cho
iochdmhor, truacanta, maoth-chridheach, 'sa bha daoine
sam bith na 's lugha na bha iad an cogaidhean agus am
batail agus gu 'n do mharbh iad moran dhaoine, cha b'
fhiacli iad a bhi bruidhinn orra. Ach cha robh an
Cailein fhèin ach an gealtair an deigh a h-uile rud a
bh' ann. Bha e na sheana-ghiullan a bha gu math os
ceann an da fhichead, ach cha robh a chridhe sin a
radh, no nighean a luaidh ris a bha os ceann fichead
bliadhna dh' aois. 'S minig an uair a gheibheadh
gillean òga greim air mu 'n tigh-òsda, shèideadh iad a
suas e gus an tugadh iad air botul uisge-bheatha a
cheannach, agus gu 'm falbhadh iad fein leis a dh'
iarraidh mnatha, far am bitheadh iad cinnteach am
botal M an toiseach, agus Cailein a bhi air a dhiiiltadh
a rithis. Cliomharlaich pàirt dhiubh dha air latha
sonruichte falbli le sunna a fhuair iad dha an coin-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence