Skip to main content

‹‹‹ prev (255)

(257) next ›››

(256)
240 AN T-EILEANACH.
Thug Druim a' Challtuinn naoi bliadhna fo riagh-
ladh Phàruig fhad-chasaich, agus chual daoine gun robh
an oighreachd ri reic, agus an ath naigheachd a chuala
iad is e gu 'n robh i air a ceannach aig Pàruig
fad-chasach fhèin, agus anns an t-suidheachadh sin
fàgaidh mi e a chionn nach urrainn mi an còrr a
dheanamh. Ach thachair bho cheann mu thuairmeas
fichead bliadhna, no mar sin, gun robh air achadh a
bhuineadh do bhodach an Tigh-bhain, mar a theirte ris,
àireamh do luchd-obair, seann daoine agus seana
mhnathan, caileagan oga agus sgonn-bhalaich agus iad
ri gart-ghlanadh a' bhuntàta, agus co chunnacas a'
tighinn a nail bhar na h-aimhne ach am Buachaille
Robach, agus dranndan òrain aige ris fhèin. Bha am
Buachaille Robach na bhuachaille aig an tuath air
taobh eile na h-aimhne. Bha deich-tastain-fhichead,
anns an leth-bhliadhna do thuarasdal aige agus paidhir
bhrog. Bhitheadh e seachduinn ma seach 's a h-uile
tigh a bha 's a' bhaile, ach an dithis. B' iad sin tigh
Chailein Ghallda agus tigh Anna Bhig. Ach do aon
do na tighean so cha rachadh e ged dh' fheumadh e
bhi tighinn beo air na braonain. Ach co dhuibh, cha
ruigeadh e leas sin a dheanamh; bha gu leoir do
thighean 's a' bhaile anns nach bu bheag orra idir a
chnideachd. 'S e baoghal ait a bh' ann 's a' Bhuachaille
Pv,obach. Theireadh cuid gu robh spiorad na bàrdachd
ann. Ach 's e theireadh Cailein Gallda agus Anna
Bheag, gu'n robh droch-spiorad ann. B'i Anna Bheag
bean Lachuin òig, duine coir, socrach, gun chron d' a
choimhearsnach, ged a bha Anna fèin olc, ùpraideach,
usaideach. Theireadh iad gur-ann oirre fein a blia

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence