Skip to main content

‹‹‹ prev (229)

(231) next ›››

(230)
214. AN T-EILEANACH.
AN GLUGAIRE,
Bha ami an àite ris an abair siun an dràsd Tom-a'-
chuilinn, duine coir ris an abradh iad Eacliunn Mor,
agus bha buachaille aig Eachunn ris an abradh iad an
Glugaire, 's e sin a chionn e bhi glugach 'n a bhruidhinn
agus gu 'n robh dragh fuasach aige anns na facail f haot-
ainn a mach. Ach bheireadh e rann òrain dhuit cho
binn rèidh ri neach a bh' anns an diithaich, agus cha
mhòr a bha 's an diithaich a theireadh cho reidh ris e.
Chuir Eachunn air falbh do 'n mhonadh e air latha
àraidh a shealltainn an treud a bha mach ris an tsliabh
ach cha d' fhuair e 'n treud mar bu mhath leis iad a
bhith, ach cha b' urrainn dha dad a dheanamh ach till-
eadh dhachaidh agus innseadh do na daoine mar a bha,
agus an uair a chunnaic iad e 'tighinn leis a' bhruthach,
's e 'n a leum, thuig iad gu 'n robh rud-eigin ceàrr. Dh'
fhalbh a dha na trl dhiubh 'n a choinneamh, ach cha b'
urrainn dhasan facal fhaotainn a mach; e a' breabadh
a choise air an h'lr 's a' bualadh a làmh air a ghlùn, 's a
shùilean air seasamh 'n a cheann, 's gun smid a sios no
nios aige. "Seinn e," ars' Eachunn, "seinn e." Agus cho
reidh ris an ribean, dh' fhalbh e leis mar a leanas : —
" Gu 'u d' èiricli an dunaidh 's a' mhonadh ud thall,
Tha gamhainn 's an uirigh aig bun chreag nam meann,
'N uair ràinig mi 'm fireach, bha 'm biorach air chall,
'S tha 'n t each ann an toll, gu 'shùilean. "

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence