Skip to main content

‹‹‹ prev (145)

(147) next ›››

(146)
130 AN T-EILEANACH.
G' an cuir a nunn taobli thall an t-sàil',
'S gecl chaidh gach nàmh a striochdadh,
Cha d' fhuair iad as.
Shèid an dùdach feadh nan gleann,
A chruinneachadh clann nan Gàidheal,
Chuala iad 'us dh' eisd, mo chreach,
Ei gealladli math, 's droch phàigheadh,
Sheòl na laoich a dhol do 'n stri,
Gu diithaich 's righ a theàrnadh,
'S air son gach cniridh neartmhor, treun,
Gun ach diol-dèirce cràiteach,
A' tigh'n air ais.
AN DARA EARANN.
Thig gu Stùc-na-sìil air ais,
Tha 'raach os cionn na cruaich ud,
Far am faic 's an cluinn thu 'n cath —
Ach fuirich tacan bh' uaithe,
Chi thu feachd ri aodan feachd,
Gun fhios CO neai't 'us buaine,
Mar chudtrom air gach ceann do 'n mheigh,
'S gun chinnt de 'n car gu 'n gluais i,
'N uair leigear as.
Tha sùil na riogh'chd taobh thall do 'n mhuir.
'S a beachd air cluich nan àrmunn,
Oir faodaidh beairteach an la diugh,
A bhi gun chuid am màireach,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence