Skip to main content

‹‹‹ prev (323)

(325) next ›››

(324)
310
Bu mhàidheanacli na ceannaichean,
Bha treis mun robh iad re'idh ;
'A' sin Beati ghlaodli i mach gu h-àrd,
" Dh' f hàgadh am fion 'n ar deigh !"
" 'Nall e !" ars' lain, " 'a maith an t-àm ;
Thoir dhomh a nuas mo chrios,
Crios leathraich mo dheagh chlaidheimh gheir,
'Nuair bha mi 'm shaighdear deas."
Bha aig bean Ghilpin, (làmh a' ghrùnnd'.)
Dà shearraig làidir ghlas,
'S am b'àbhaist di an deoch a b' fhòarr
A chumail teann fo ghlais.
Bha aig gach searraig dhiubh fa leth,
Dà chluais tre'n deach an crios ;
Cliroch e iad mar sin r'a thaobh,
Fear dhiubh air gach leis.
Na dlieagJiaidh sin, a chum 's gum biodh
E sgeadaichte le sgoinn,
A chleòca maiseach sgàrlaid ghabh,
Is thilg e air a dhruim.
Faic e nis 'na dliollaid shuas,
Air muin an steud-eich dhuinn,
Ag imeachd air a' chabhsair chruaidli
Gu socrach, is gu ciùin.
Ach 'nuair a f huair e'n t-slighe re'idli
Fo 'bhrògaibh cruidheach cruaidh,
Le sitrich dli'f halbh gu trotan garbh
'Rùisg mùsan lain tliruaigh.
"Gu re'idh " ars' lain, "deas de', eich dhuiiui;"
Acli labhair e gun fheum.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence