Skip to main content

‹‹‹ prev (291)

(293) next ›››

(292)
278
Mu na Druidhihh.
B' lAD na Druidhean rè ioma linn Sagartan agus
Feallsanaìch na Roinn-Eòrpa. 'Se 's ciall do'n f hoc-
al Druidh, duine glic. Bha'n òigridh a hh'air an
gahhail a stigh chum na dreuchd so, sa' cheud dol
a mach, air an ainmeachadh Eubages, no na deagh
phàistean a blia air an taghadh a mach o na teagh-
laichibh a bu mheasala san dùthaich, a' mhninntir
dhiubh a nnchd am barrachd speis mu f hùghlum,
agus gliocas 'nan giùlan. Mar thàinig iad so air an
aghaidh bha chuid bu teòma dhiubh air an àrdach-
adh gu bhi 'nan Seanachaidhean ; riutha so bha
eachdraidh na dùthcha, agus sloinnteireachd gach
teaghlaich 'an earbsa; agus asda so, a re'ir mar
dhearbh siad iad fèin a bhi àiridh air an urram, bha
na Bàird, an treas ceum am measg nan Druidh, air
an taghadh. B'e gnìomh nam Bùrd a bhi seimi cliù
ghaisgeach, agus a' mosgladh an t-sluaigh gu treubh-
antais. B'iad an dàin toil-inntinn gach cuirme agus
còmhdhalach. Bha iad so ann am meas mòr anns gach
dùthaich ; 's gu h-àraid ann an Gaeltachd Alba. 'S
aim a mach o'n chuid a b' ainmeala do na Bàrdaibh a
hha na Dniidhean air an taghadh ; 's o'n àircamh a
b' urramaiche dhiubh so blia COIBHI, no'n t-ARD-
Dhruidh air a thaghadh. B'esan Ceann-suidhe
gachcuideachdjàrd-bhreitheamh gach cùise ; o' bhinn
cha robh dol as : bha'n t-urram a b'àirde air a bhuil-
eachadh air, agus an earbsa bu mhò air a chur 'na
chàirdeas agus 'na cheartas. Uaithe so tha seana
ghnàth-f hocal againn,
" Ge fagus clach do làr,
'S faisge na sin cobhair Choibhi."
Bha ìighdarras aig na Druidhibh thar gach ni ; os
ceaim laghannaibh, chleachduinnibh, fòghhiim, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence