Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
eaehadh air cleachdainnibh nan làithean a dh'f lialbli,
mar shamhladh air snasmhorachd na cùnain anns an
robh na seami sgeulachdan sin air an aithris, agus,
mar an ceudna, air an dòigh air an robh gliocas air
a theagasg anns na linntibh dorcha sin.
'S aobhar-sòlais, da rìreadh, gu bheil nithe ni's fèarr
aig na Gàidheil a nis r'an aithris agus r'an e'isdeachd,
na seann sgeulachdan nan làithean a dli' f halbh -.
acb mheas sinn nach robh cron ann an cuid dhiubh
a chumail o dhol gu tur air di-chuimhn', mar chul-
aidh-annais do linntibh a thig 'nar de'igh. Tha
mòran do'n t-seòrsa cheudna fhathasd air an aithris
feadJi na Gàidhealtachd ; agus aidichidh mi gurn
b' f hèarr leam gu mòr comh-«hruinneachadh dhiubh
'f haicinn na do'n chuid a's mò do na h-òrain fhaoin
amaideach a tha o bhliadhna gu bUadhna air an cur
a mach 'nar measg.
Cha bhi na Gàidheil ni's faide as eugmhais leabh-
raichean 'nan cainnt fe'in . Tha mìltean do dh'òigridh
a nis comasach air a' chànain aosda sin a leughadh
agus a sgrìobhadh ; tha oileanaichean òga measail
air a' cheart àm so ann an Ard-sgoilibh Ghlaschu
agus Dhun-Eideaim a tha 'nan onair do'n dùthaich
a tliug dhoibh àracli — tha spe'is aca do'n Ghàilig,
agus ma bheir Dia làithean do chuid diiibh, 's cinnt-
each rni nach bi a' Ghàidhealtachd as eughmhais
leabhraichean a bhios airidh air an le'ughadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence