Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
95
Full ìobairt dlioibh cha tairg;
Mu'n altair f òs cha taom ;
Mo blieul cha kiaidh an ainm;
'N an ddigh mo chas cha chlaon.
Mo chuibhrionn 's tus' e, 'Dhè,
Oighreachd mo chupain f òs ;
Mo chrannchur mi cha treig,
O'n 's tus' e, 'Dhe na glòir.
'An ionad farsuing fòs
Mo chuibhrionn thug thu dhomh;
A's m' oighreachd tha i mòr ;
Seadh, tha i fòs ro mhaith.
lehòbhah molar leam,
'Thug comhairl' orm 'am fheum ;
A's m' àirnean comhairl' thug
'S an oidhche mar an ceudn.
A chionn gu'n d' chuireadh leam.
Fa m' chomhair Dia gach tràth,
Cha ghluaisear mi aon am;
Oir esan leam a ta.
Mar so mo chridhe 'tha
Ghnàth subhach agus ait;
Mo ghlòir is tu do ghnàth;
A's fàsaidh i gu i^ailt.
'An dòchas gabhaidh fois
Mo chorp 's an uaigh gu beachd ;
A's gabhaidh tàmh a's clos
Gus 'n gairmear suas mi leat.
Oir m' anam, air aon chor,
Cha 'n f hag thu 'n ifrinn shios ;
A's truaill'eachd chaoidh cha 'n fhaic
T' Aon Ungta-sa gu cinnt'.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence