Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
Cha sgeul no eachdraidh air sphinn no creach e~ -
Cha sgeul air gaisgeadh, no taip, no stri ;
'S cha sgeul air caonnaig, no liodairt dhaoine,
An sgeul ro aobhach tha sgaoU' 's an tir.
'S e sgeul a's binne, 's e sgeul a's grinne
Tha 'm beul gach fine 'an Inusegall ;
An sgeul tha 'n dràsda aig lag a's laidir,
A sgaoil 's gach àite a bhos a's thall :
'Cur neart 'an caileachd, 's ag aiseag slainte
Do dhaoine sàruicht' le euslaint chruaidh ;
Ag aiseag sith dhoibh, 's a' fògradh stri uath',
'Am briathran mine, ro shìobhalt', shuairc'.
Bu bhochd ar càramh 'n ar n-uain gun mbathair,
'Sior dhol air fàrsan o 'r leas 's o 'r sith ;
Gu doilleir, ànnrach, a siubhal fàsaich,
Gun ionad tàmha, gun àite dìon ;
Air uideal daonanu, 'sior dhol air faontra,
Gun iiiil-fhear gaolach ag aom 'n ar coir,
A' nochdadh gràdh dhuinn, 'sa' deanamhbàigh ruinn,
A' stri gu 'r sabhal' o 'r nàmhaid mòr.
Bu bhuan ar n-oidhche, gun reul 'toirt soillse,
'N uair bhriichd oirnn boillsgeadh o ghrian an àigh;
Bu bhuan ar geamhradh, ach thàin' an samhradh,
'S bidh meas nach gann air gach crann a's blar ;
Luidh dubhar 's ceo air gach àrd a's còmhnard,
Bu chianail, brònach ar dòigh 's ar càs,
Air bheagan eòlais, air bheagan dòchais,
A bheireadh solas ri dòruinn bàis.
Ach nis o'n dhealraich caomh ghrian an àigh oirnn,
Thig latha 's fhearr oirnn le blàth's a's sith;
Tliig solus uaipe a sheòlas suas sinn,
Le blàth's a dh'fhuadaicheas fuachd o'n chridh' :
Bidh 'n cridhe seachdta, an cridhe meata,
An cridh' a chleachd 'bhi gun neart gun chli —

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence