Skip to main content

‹‹‹ prev (253)

(255) next ›››

(254)
230 AAf FEAR-CIUIL.
mise, *' Cha 'n 'eil annads' ach cù. Cha deach buaidhean
inntinn a bhuileachadh ort comasach air gleachd ris na
ceistean cruaidh a tha ghnath 'nan saothair anama do 'n
duine. Ciod an tuigse th' agadsa air diomhaireachd beatha
agus bàis, tuTi agus siorruidheachd, no air na ficheadan cusp-
air eile air am bi inntinn an duine a'beachd-smuainteachadh?
Rinneadh thus' ann an staid iosail, ach rinneadh an duine
ann an inbhe àird, beagan na b' isle na na h-ainglean, 's air
dha bhi air fhagail gu saorsa thoile fein, fhuair e ni no dhà
a mach nach deach a theagasg dha 'n tùs, gus a bheil e nis
mar dhè, fiosrach air maith agus air olc ; agus mar sin, a
thaobh eolais, na's àirde na na h-aingil. Am fac thu
aingeal riamh, a Yarrow?" Chrath e cheann, ach tha mi
saoilsinn gur ann a chrathadh nan cuileag bharr a chluas.
'' Mata, a Yarrow, na'm bu chuimhne leatsa an tè a tha 'na
cadal fo'n tolman sin, 's e sin coimeas as dluithe as urrainn
domhsa thoirt dhuit air aingeal. Ach mar thuirt mi riut
chcana, cha 'n 'eil annads' ach cù, 's ged a tha thu leigeil
orta bhi geur-bhreithneachadh air na briathran cudthromach
a tha tuiteam o m' i)hilean, cha 'n 'eil iad ann ad chluais ach
mar fhuaim na gaoithe ; mar ni gun fhoidheam. Tha thu
tur aineolach air na nithe sin ; cha 'n fhios duit cia as a
thainig thu, no c' àite bheil thu dol, no ciod is crioch
àraid do dhuine no do bheathach. Ach na cuireadh so mor-
churam ort, oir na'm bithinn-sa cho firinneach 's cho onarach
riutsa, dh' aidichinn duit gu bheil mi fhein anns a' cheart
suidheachadh, 's tha amharus agam gu bheil mi fhein 's a'
mhor-chuid de m' choimhearsnaich air ar tearradh leis an
aona pheallan. Thuirt fear àraid mu dhèighinn aineolais

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence