Skip to main content

‹‹‹ prev (216)

(218) next ›››

(217)
AM FEAR-CIUIL.
193
nach sealladh air an taobh airam bithinn de'n t-sraid. "Cha
'n 'eil thu na 's faoine mar sin na daoin' eile," ars' esan, " 's
theagamh gu bheil bunachas anns an ni sin nach 'eil idir
cho faoin 's a tha thu saoilsinn. Co-dhiù, faodaidh tu fein a
thoirt fainear, gur iad na daoin' as fiachala annta fein as
deise gu deagh-thoillteanas dhaoin' eil' aideachadh. A
bheil cuimhn' agad air an rann sin aig Brownittg anns a
bheil e farraid mu dhèighinn an duin' ainmeil sin, Shelley ?
' An è gu fac thu Shelley fein ?
An d' chaisg e cheum 's an d' eisd thu ghuth ?
An d' labhair thu ris, beul ri beul?
Ar leam gur ait do sgeul an diugh.'
A nis bu duine comasach Browning e fein, ach a reir
coltais bha farmad aige ris an duine a chunnaic Shelley 's an
fheoil." " Cha robh fhios agam," arsa mise, '-gu'n do
sgriobh Browning a.nns a' Ghaidhhg." " Ud ! ud! cha do
sgriobh," ars' esan, "thionndaidh mise sin gu Gaidhlig,
eagal 's nach tuigeadh tusa Bheurla." "Tha mi 'n ur
comain," arsa mise, " ach a reir mo bheachd-sa, cha robh e
cho soirbh cainnt fhaotainn dheth fein ; nach e thuirt ann an
àit eile ;
' Suil troimh m' uinneig gheibh thu nasgaidh,
Ach cas na cuir-sa thar mo stairsnich.'
Thionndaidh mise sin gu Gaidhlig eagal 's gu miUeadh sibhs
e. 'S e mar a tha, nach 'eil e furasd' eolas a chur air duine.
Co-dhiù a chi sibh e troimh 'n uinneig no troimh 'n luidheir,
cha 'n 'eil sibh 'ga fhaicinn ach o'n taobh a muigh, 's cha 'n
'eil e dhuibh mar sin ach mar choigreach gus an toilich e
M

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence