Skip to main content

‹‹‹ prev (150)

(152) next ›››

(151)
AM FEAR-CIUIL. 127
Thuirt mi ris, mu dheireadh, gu 'm b' fhearr dha dol gu làr,
ach thuit gu robh esan de dh' atharrach beachd, 's a sios
cha rachadh e. Dh'fheuch mi ri iompaidh a chur air le mìn
chomhairle, ach thug e cluas bhodhar dhomh. Cha 'n 'eil
mise cho faighidneach 's a bha 'n duine còir sin a bha aon
uair ann an tir Uis, 's bho nach 'eil, ghabh mi lasan
ris a' chat. Rug mi air bhad-mullaich cinn air, 's theann mi
r'a chur sios leis an laimh làidir ; ach cha robh sin domhsa
mar mo chuid fhein. Chuir esan a dhubhain an sàs gu
greimeil ann am thriubhas, 's chuir e roimhe nach geilleadh
e oirleach. Gu mi-fhortanach, bha 'spuirean cho geur 's gu'n
deach iad, cha 'n ann a mhain troimh 'n chlò, ach troimh 'n
chraicionn a bha foidhe. Leum mis' air mo bhonn a' glaodh-
ach, Mort! Leum esan thun an urlair, ach mu 'n d' fhag e
mo shealladh thug e suil orm thar a ghualainn — suil anns an
robh tuillidh spìd r'a leughadh na theid agams' air a sgriobh-
adh. Tha so a' deanamh soilleir dhuibh cho doirbh 's a tha
muinntir eile thoileachadh, air cho maith 's gu feuch sibh
ris.
Tha seòrsa de thlachd agam fhein air a bhi beachdachadh
air gnaths nan creutairean a thachras a bhi 'm choimhears-
nachd, agus a bhi toirt fainear mar a tha 'n tuigse nadurra
chaidh a bhuileachadh orra 'ga nochdadh fhein annta.
Leughaidh mi inntinn a' choin, mar gu 'm biodh run dìomh-
air a chridhe sgriobht' air clar aodainn. Cha 'n 'eil an cat,
uile gu lèir, cho fosgailteach, ach 'nuair gheibh sibh iuchair
na h-inntinn aige, 's a thuigeas sibh gur i 's riaghailt beatha
dha fìor dheagh churam a ghabhail mu phearsa phriseil
fhein, 's gur e so an t-aon lùdagan air a bheil a ghiùlan gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence