Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
AM FEAR-CIUIL. 83
ORAN DEALACHAIDH.
Seisd — Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainn O,
'S e crìoch gach comuinn dealachadh.
An cuimhne leats' an gleannan uain',
Far an robh sinn òg is luath,
A' buain nan sòbhrach feadh nam bruach,
'S gun luaidh againn air dealachadh.
Eirich agus tiugainn O, &c.
Is far an robh sinn ait le chèil',
A' ruith a' bhradain leis an leus ;
No sealg a' choihch air a' ghèig,
Mu 'n d' thug sinn ceum an allabain.
Eirich agus tiugainn O, &c.
Ach 's cian bho 'n sgaoil sinn deas is tuath,
Chaidh cuid thar bheann is cuid thar chuan ;
Cha chluinn mi 'n diugh an coileach ruadh,
Ged bheirinn duais nach canainn air.
Eirich agus tiugainn O, &c.
Ach fàir do làmh, mo charaid ciùin,
Is cuir an smalan so air chùl ;
Oir chi sinn fathast tìr nan stùc,
Is bidh sinn sunndach aighearach.
Eirich agus tiugainn O, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence