Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
AM FEAR-CIUIL. 79
AM BOTHAN BEAG.
FoNN — " The Atdd House."
Am bothan beag an sgàth na creig',
'S an d' fhuair mi m'àrach òg ;
'S a' ghleannan uaine 'n cluinnear fuaim,
Is gàirich a' chuain mhòir ;
Na beannta fuara 'g èirigh suas,
'Ga chuartachadh mar chrò ;
O, 's tric mo smuain 's a' ghleannan uain'
'S an d' fhuair mi m' arach òg.
Air fad mo chuairt mu dheas 's mu thuath,
'S gach àit an d' fhuair mi tàmh,
'S e 'm bothan truagh fo sgàil nan cruach
Bha ruith am smuain a ghnàth ;
Ged 's fuar, mo chreach, an diugh do leac,
'S gun neach a chur orm fàilt,
O, nead cho cuanna riamh cha d' fhuair mi,
'S a bha uair fo d' sgàth.
Gur goirt mo smuain air làraich fhuair,
Nan daoine suairc' a bh' ann ;
Chaidh cuid thar chuan diubh, 's cuid a fhuair
An dachaidh bhuan measg Ghall.
Bu ghoirt an crì mu 'n d' leag iad sios
An cadal sìor an ceann,
Nach robh iad sìnte mar ri 'n dìlsean,
Ann an tìr nam beann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence