Skip to main content

‹‹‹ prev (100)

(102) next ›››

(101)
AM FEAR-CIUIL. 77
FAIR A NALL AN T-SEAKRAG SIN.
FONN — " J/j' love she's but a lassie yet."
O, fàir a nall an t-searrag sin,
Is lìon a' chuach gu barraichte,
Is bheir sinn dùbhlan do 'n ghaoth tuath,
Is do gach truaighe charraidich :
Cha chuir oirnn cuing no teannachadh,
No tùchadh, no gainn' analach,
No caoile 'n earraich, teas no fuachd,
Cho fhad's tha cuach 'san t-searraig sin.
An cluinn thu mi, Mhic Alastair,
Tha moran buaidh 's an Talasgair ;
As eugmhais ciamar dheanainn duan ?
Cha bhiodh mo smuain ach anabaich :
Tha uidhir brìgh 's an t-sean-fhacal,
'S ged bhiodh e sgrìobht' an Genesis ;
Gu bheil " fìrinn anns an f hìona,"
Dearbhaidh mi gu deimhin duit.
'S i bhreug a thig gu nàdurra,
Mur bi a' choUunn sàsaichte ;
Ach cuach o 'n t-searraig thar t' eightì'och,
'S i 'n fhìrinn fein is cànain dhuit :
Do theanga, ni e ùiUeachadh ;
Do mheomhair ni e ùrachadh ;
Do chluas a' cluinntinn fuaim nan reul,
'S do lèirsinn air a dùblachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence