Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
74 AM FEAR-CIUIL,
AN RIGHINN OG D' AN D' THUG MI GRADH.
FoNN — " The minsirel boy to the war is gone."
An rìghinn òg d' an d' thug mi gràdh,
A nis air fàs dhiom suarach ;
'S e sin a thà, an diugh, 'gam chràdh,
'S a dh' f hàg cho bàn mo ghruaidhean :
Ged thug thu rium do chùl an dràst,
'S a dh' fhàg thu mi fo smuairean ;
Tha t' ìomhaigh ghaoil ri m' thaobh a ghnàth,
'S do chòmhradh tlàth am chluasan.
'Nuair bha sinn òg, gun fheall, gun ghò,
'S sinn còmhla feadh nan cluanag ;
Ag èisdeachd eòin na coiU' ri ceòl,
'S an t-allt ri crònan suaineach :
Mar oiteag chèit am measg nan geug,
Gun fhios daibh fein 'gan luasgadh,
Thug sinne spèis do chàch a chèil',
Gun suim ciod è a ghluais sinn.
Tha 'n t-allt mar bhà, a' ruith gu tràigh,
'S na flùir a' fàs m' a bhruachan ;
Is eòin nan speur am bàrr nan geug,
A' seinn gu h-eutrom guanach ;
Ach dhomhsa cha 'n 'eil ni mar bhà,
Tha 'n latha 's àille gruamach ;
Tha maise 'n t-slèibh is glòir nan speur,
'S gach ni fo 'n ghrèin leam suarach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence