Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
![(44)](https://deriv.nls.uk/dcn17/7685/76858485.17.jpg)
AM FEAR-CIUIL.
Saoilidh mi, an creideamh breun sin,
Nach 'eil feum a bhi 'ga luaidh.
Am Bard.
Tha thu ceart, cha 'n 'eil mòr èifeachd
Dhuit-sa èisdeachd ris a' chòrr ;
Ach 's ceann-teagaisg dhuit na leugh mi,
Ghabhas leudachadh gu leòir.
Na bi thusa deas a dhìteadh,
H-uile ni nach tuig thu fein ;
Cha do rinneadh breitheamh dhiotsa,
Air gach diomhaireachd fo 'n ghrèin :
Seall mu 'n cuairt ort air an lanntair,
'S cuir 's a' chainnt as maith leat fein,
Maise shonraicht' beinne 's còmhnaird,
Oraichte le glòir na grein' :
As an àite bheil thu coimhead,
Sgaoilt' fa d' chomhair, dhuit is lèir,
Uile rioghachdan an domhain, —
Muir is monadh, 's neamh nan speur.
Cha do thaghadh riamh a' chlach so,
Air son altair, ach le sùil
A bha leis an spiorad deachdte,
'S anam beachdail air a cùl ;
Anam a bha stri ri èirigh,
Thun an Dè a dhealbh e'n tùs ;
Anam nach deach riamh a thasgadh,
Leis an anart anns an ùir.
Saoilidh mi, an creideamh breun sin,
Nach 'eil feum a bhi 'ga luaidh.
Am Bard.
Tha thu ceart, cha 'n 'eil mòr èifeachd
Dhuit-sa èisdeachd ris a' chòrr ;
Ach 's ceann-teagaisg dhuit na leugh mi,
Ghabhas leudachadh gu leòir.
Na bi thusa deas a dhìteadh,
H-uile ni nach tuig thu fein ;
Cha do rinneadh breitheamh dhiotsa,
Air gach diomhaireachd fo 'n ghrèin :
Seall mu 'n cuairt ort air an lanntair,
'S cuir 's a' chainnt as maith leat fein,
Maise shonraicht' beinne 's còmhnaird,
Oraichte le glòir na grein' :
As an àite bheil thu coimhead,
Sgaoilt' fa d' chomhair, dhuit is lèir,
Uile rioghachdan an domhain, —
Muir is monadh, 's neamh nan speur.
Cha do thaghadh riamh a' chlach so,
Air son altair, ach le sùil
A bha leis an spiorad deachdte,
'S anam beachdail air a cùl ;
Anam a bha stri ri èirigh,
Thun an Dè a dhealbh e'n tùs ;
Anam nach deach riamh a thasgadh,
Leis an anart anns an ùir.
Set display mode to: Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Early Gaelic Book Collections > Hew Morrison Collection > Fear-ciuil > (44) |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/76858483 |
---|
Description | A selection of items from a collection of 320 volumes and 30 pamphlets of literary and religious works in Scottish Gaelic. From the personal library of Hew Morrison, the first City Librarian of Edinburgh. |
---|
Description | Selected items from five 'Special and Named Printed Collections'. Includes books in Gaelic and other Celtic languages, works about the Gaels, their languages, literature, culture and history. |
---|