Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
AM FEAR-CIUIL. 17
Am Bard.
Cha 'n 'eil feum agad air fàidhean,
Chaidh an làithean-san air chùl ;
Ach cha d' chaochail tuigse nàdurr',
Is cha d' fhàilnich sealladh sùl ;
Beachdaich air na chluinn 's na chi thu,
'S thig am mìneachadh 'na am ;
'S creid mi, cha 'n 'eil ni gun bhrlgh ann,
Biodh e dlreach dhuit no cam.
An Ciobair.
Ged a dh' fhaodas beagan fìrinn,
Bhi 's an ni a tha thu *g ràdh ;
'S eagal leam nach tuig gu dilinn,
Mise ni dheth ach mar thà :
Tha mi siubhal o thùs m' òige,
Beinne 's còmhnaird gach aon là,
Ach an diugh, cha 'n 'eil sud dhòmhs',
Ach beinn is còmhnard mar a bhà ;
'N carragh ris a bheil mo thaice,
'S tric thug fasgadh dhomh o'n t-sìon ;
Ciod a th' agams' ann ri fhaicinn,
Ged a bheachdaichinn gu sìor?
Am Bard.
Na 'm bu lèir dhuit, tha 's a' charragh
Sgeul nach fhaigheadh tu air fèiU ;
Is nam b' aithne dhòmhs' a haithris,
Chuirinn earrann di an cèiU.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence