Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
AM FEAR-CIUIL.
Chiar an là gu oidhche dhòbhaidh
Oidhch' nach teid à cuimhn' ni 's mò :
O! na druid an nochd a' chòmhla,
'S gun m' uan bòidheach anns a' chrò.
Leum, mu dheireadh, mi à m' chathair,
'S thuirt mi, "Chruiteir thana, chruaidh
Ma 's tu fein tha teumadh m' anam,
'S miosa t' ealain na ghaoth tuath."
Thug e sùil orm fo a mhala,
Mar gu'm b'aithne dha mo smuain; —
"C' àit a nis a bheil a' ghaiUionn ?
Anns an anam no air chuan?
•'Creid mi, cha tig stoirm no gaillionn
As an adhar, deas no tuath,
Mar a dh' èireas anns an anara,
'Nuair a shèideas carraid chruaidh.
"Annad fein tha 'n ceòl a ghluais thu,
Air a luasgadh leis an teud ;
Gleus gu tuireadh, 's gleus gu luathghair,
Fuaighte riut 's gach àit an tèid.
" Ceòl o'n d' fhuair thu gach ni luachmhor
Ris a bheil gach buaidh an sàs ;
Ceòl ad chridhe,— ceòl ad chluasan,
Fad do chuairt o d' bhreith gu d' bhàs.
" An ceòl as binne 's eòl do 'n fhilidh,
Cha tog pìob no fiodhall suas ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence