Skip to main content

‹‹‹ prev (498)

(500) next ›››

(499)
491
dlminn, " Nach 'eil aon neach maith ach a h-aon, eadhon
Dia," Mat. xix. 17. Cha 'n 'eil maith no corahfhurtachd
sam bith, ag eirigh suas o 'n chreutair : Ciod air bith maith
no comhfhurtachd a gheibh neach ann fèin, mar tha slàinte
cuirp, sìth iuntinn ; cind air bith miUseachd, fois, tlachd
no toil-inntinn, a gheibh neach ann au creutairean eile,
mar ann am biadh, an deoch, an innleachdan agus fògh-
ìtnn ; cha 'n 'eil annta sin uile ach cuid do dhearsaidh
iann air iomlaineachd Dhè, air an compairteachadh o
Dhia ris a' chreutair, agus an crochadh ri a' chumhachd-
san a ghuàth, chum an cumail suas ; ni nam biodh e air a
thoirt air falbh, dh' fhalbhadh iadsan air ball : Oir tha
e neo-chomasach gur urrainn do ni cruthaichte sam bith
a bhi dlminne ni 's mò no ni 's fearr na ni Dia e. Tha
gach sruthan comhfhurtachd d' am bheil sinn ag òl, an
taobh a stigh, no an taobh a mach dhinn fèin, a' teachd o
Dhia mar an tobar ; is air d' an sruthaibh a bhi air an casg
d' ar taobhne, is èigin gu 'n tiormaich iad suas : Air chor
pan uair a dh' imicheas Dia, gu 'n imich gach raaith agus
gach ni sam blieil comhfhurtaclid maiUe ris ; gach fois agus
samhchair cuirp no inntinn, Hos. ix. 12. " Seadh is an-
aoibhinn doibh, an uair a dh' imicheas mise uatha !" 'Nuair
a tha na h-aingidh gu tur agus gu deireannach air an deal-
achadh uaithe, tha gach ni sam bheil comhfhurtachd annta,
no mu 'n cuairt doibh, a' pilleadh gu thobar, mar theid
an solus air falbh leis a' ghrein, agus a leanas dorchadas
"na àite. Mar so 'nan dealachadh o Dhia, tha gach sith
air a gluasad air falbh fada iJatha ; agus tha pian ann an
ccrp, agus amhghar anu an anam a' teachd 'na h-àite !
Imichioli gach aoibhneas, agus suidhichidh amhghar neo-
choimeasgta aunta ! dealaichidli gacli fois agus sìth uatha,
agus lionar iad le h-uamhas agus cuthach ! Teichidh
dòchas air falbh, agus glacaidh an-dcchas iad! Bheirear
oibreachadh cumanta an Spioraid, a ta nis 'gam bacadh,
air falbh gu bràth, agus thig peacadb gus an àirde a 's mò !
Agus mar so tha beachd bronach againn air sealladh uamh-
asach do- pheacadh agus do thruaighe a ta air creutair,
'nuair a tha e gu tur air a dhoalachadh o Dhia, agus air
fhàgail da fein ! Agus feudaidh aon fhaicinn gur e an
dealachadh so dearbh ifrinn na h-ifrinn.
Air dhoibh a bhi air an dealacliadh o Dhia, caillidh iad
gach uiie mhaith ! Bithidh na nithe maith air am bheil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence