Skip to main content

‹‹‹ prev (470)

(472) next ›››

(471)
463
mealtuinn làtliaireaclid Dhè ann an nèamh, ri bhi air a
thuigsinn, ann an cur a thaobh an fhocail agus na sàcra-
meinte, agus an leithide sin do mheadhonna faicsinneach,
leis am bheil sinn a' mealtuinn Dhe sau t-saoghal : ach
cha 'n ann, mar gu 'n tilgeadh na naoimh an sin diubh an
taice air an Ceann air son beatha ; cha 'n ann, " Beathaichidh
an t-Uan a tha am meadhon na righ-chaithreach iad, agus
treòraichidh e iad gu tobraichibh do uisge na beatha."
A nis 'nuair a chi sinn esan, a bhàsaich air ar son, chum
gu bitheamaid beò gu sìorruidh, esan air an d' thug a
ghràdh gu 'n choimeas snàmh tre Ihairge ruaidh feirge
Dhè, a dheanamh slighe 'na meadhon dhuinne, tre 'n rach-
amaid tearuinte gu tìr Chanaain ; an sin chi sinn ciod an
neach glòrmhor a bh' annsan a dh' fliuiling so uile air
ar son-ne ! ciod an aoidheachd a bli' aige san tigh ard !
ciod na h-alleluidhean aingil nach b' urrainn a bhacadh o
eisdeachd ri osnaibh an t-sluaigh chaillte air thalamh, agus
theachd a nuas chum an còmhnaidh ! agus ciod a' ghlòir
a chuir e thaobh air ar son-ue ! " An siu bithidh sinn
ni 's comasaiche maiUe ris na naoimh uile, air a thuigsiun
ciod e leud agus fad, agus doimhne, agus àirde, agus air
gràdh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uiie
eolas !'' Eph. iii. 17, 19. 'nuair a chuimhnicheas na
naoimh, gur iad uisgeacha na feirge gus an robh esan air a
thumadh, na tobraichean slàinte o 'n tarruiug iadsan an
uile aoibhneas ; gu 'n d' f huair iad cupan na slàinte, an àite
cupan na feirge a thug an t-Athair dha ri òl, roimh an do
chriothnaich nàdur neo-chiontach an duine ; cia mar a
leumas an cridheacha an taobh a stigh dhiubh, a lasas iad
le gradh aingle, cosmhuil ri eibhlibh aiteil, agus buailidli
bogha nan nèamh le 'n oranaibh slàinte ! Chaidh na h-
ludhaich, ann an cuimhneachadh fèisd nam pàiUiunna, (an
f hèisd a b' aoibhniche a bh' aca, agus a mhair seachd laith-
ean,) aon uair san là mu 'n cuairt do 'n altair, a' seinn hosan-
na, le 'n geuga miortail, pailrae agus seilich, 'nan laimh, (a'
cheud dithis dhiubh sin 'nan comharran air buaidh ; an
ni mu dheireadh air geamnuidheachd,) aig an àm cheudna
a' lubadh am meanglain a dh' ionnsuidh na h-altair :
'Nuair a bhios na naoimh air an taisbeanadh an làthair
Chriosd mar òigh gheamnuidh, agus an uair a gheibh iad
mar luchd-buaidh am pailme 'nan làmhaibh ; cia aoibh-
neach a chuairticheas iad an altair gu saoghal nan saoghal,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence