Skip to main content

‹‹‹ prev (386)

(388) next ›››

(387)
379
Nach bu mhòr an dìomhaireachd do na h-Innsianaich,
gu'm b' urrainn do mhuinntir na Roinn-eorpa le mìr do
phaipeir, comhradh ri cheile, ag astar cheuda mile o cheile !
Agus cia mò gu mòr a bha dh' iongantas orra bhi gam
faicinn le'n gunnachan, a' deanamh mar gu 'm bu tairnean-
ach agus tein-aidheir ann an tiota, agus mar a b' àill leo
a' marbhadh dhaoine fada uatha ? An dean cuid do
dhaoine nithe mar so a ta 'nan iongantais an suilibh dhaoine
eile, a chionn nach urrainn doibh an tuigsinu ? Agus au
dean daoine cumhachd neo-chrìochnach Dhè a chumadh ri
an comasan criochnaichte fèin, ann an gnothuch nach 'eil
idir an aghaidh rèusain ? Cha 'n 'eil aig nàdur iosal ach
beachd neo-iomlan air cumhachd nàduir àird. Cha 'n 'eil
ainmhidhean a' toirt fainear na gniomhara rèusain a ta 'g
oibreachadh ann an daoinibh ; agus cha 'n 'eil aig daoine
ach breathnachadh lag mu chumhachd aingle : Cia iosal
agus neo-fhoirf& am beachd air an aobhar sin, is èigin a
bhi aig nàdur crìochnaichte air a' chumhachd sin a ta neo-
chriochnaichte ! Ged nach urrainu duinn tuigsinn cionnus
a ta Dia ag oibreachadh, gidheadh bu chòir dhuinn a
chreidsinn gur urrainn da deanamh os ceann na's urrainn
dhuinn a smuaineachadh no bhreithneachadh.
Uime sin, biodh cuirp dhaoiue air an càradh san uaigh ;
lothadh iad an sin, agus biodh iad air an caitheadh as gus
na smuirneanan a 's lugha ; no biodh iad air an losgadh,
agus an luaithre air a tilgeadh sna h-aimhnichibh, no air
a tilgeadh suas san aidhear, gu bhi air a sgaoileadh leis a'
ghaoith ; biodh duslach mhìltean ginealach air an coimeas-
gadh, agus deatach nan corpa marbh air a h-iomain
thuig agus uaith san aidhear ; itheadh eoin no beathaiche
fiathaich na cuirp mharbh, no sluigeadh eisg na mara suas
iad, air chor as gu 'n teid miora do chuirp dhaoine a
ta mar so air an gearradh as, gu bhi 'nam pàirt no eunlaitli,
do bheathaichibh no do iasgaibh ; no ni a's mò na sin,
slugadh luchd-itheadh dhaoine, d' an èigin bàsachadh agus
èÌTÌgh a rìs, cuirp dhaoine ; agus slugadh muinntir
eile iadsan a rìs : Agus au sin cuireadh ar Sadusaich sna
làithean so a' cheist anns na nithibh sin, anns an do chuir
na Sadusaich o shean i, ann an cùis na mna bha pòsda air
seachdnar f hear an deigh a cheile, Mat. xxii. 28. Freag-
raidh sinn mar a rinn ar Tighearn agus Slànuighear, ranu
29. " A ta sibh air seacharan, gun eòlas agaibh air na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence