Skip to main content

‹‹‹ prev (356)

(358) next ›››

(357)
349
cLa'n fheudar gu bràth a' toirt air a h-ais. Nam b' urrainn
èigh no deòir, luach no saothair, aimsir a thoirt air a h-
ais a rìs, dh' fheudadh an duine aingidh dòchas a bhi aige
'na bhas ; Ach cha bhuadhaich deoir fhola ; 's cha mhò a
bheir a screadail car mhuiUionaibh do linnibh, air a h-ais
i. Cha stad a' ghrian gus an duisg an lundair, agus an
imich e air a thurus ; agus aon uair 's gu 'n teid i fodha,
cha ruig e leas duil a bhi aige gu 'n tionndar an oidhche
gu la air a shonsan ; 's èigin dha còmhnuidh a ghabh-
ail tre oidhche fhada na siorruidheachd, far an d' fhàg
'aimsir e ! (2.) Cha'n fheudar pilleadh do'n bheatha so,
a leasachadh an ni a tha 'm mearachd : Is staid dearbhaidh
agus deuchainn i, a chriochnaicheas aig a' bhas ; agus
air an aobhar sin cha 'n urrainn dhuinn piUeadh d'a h-ionn-
suidh a rìs ; Cha 'n 'eil sinn mar so beo ach aon uair, agus
cha 'n fhaigh sinn bas ach aon uair. Giulainidh am bàs
an duine aingidh g'a aite fèin, Gniomh. i. 25. 'Si bheatha,
ar la oibre ; criochnaichidh am bas ar là agus ar n-obair le
chèile. Is ceart a dh' fheudas sinn a smuaineachadh,
gu 'm feudadh càileigin do dhòchas a bhi aig na h-aingidh
aig am bàs, nam b' e, 'san deigh do 'n bhas an sùilean
fhosgladh, gu 'm b' urrainn doibh piUeadh gu beatha, agus
ged nach faigheadh iad ach deuchainn a dh' aon Sabaid,
a dh' aon tairgse do Chriosd, aon la, aon uair tuiUeadh,
a dheanamh an sìth ri Dia : " Ach luidhidh an duine sios,
agus cha 'n eirich e ; gus nach bi nan nèamha ann ; cha
mhosgail iad, agus cha duisgear as an codal iad," lob xiv.
12. San àite mu c.heh-eadh, Anns an t-saoghal eile, cha 'n
'eil rathad aig daoine air an staid chaiUte agus mhillte à
leasachadh, ged sam bith mar bu mhiann leo a dheanamh :
" Oir cha 'n 'eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas,
anns an uaigh, d' am bheil thu a' dol," Ecles. ix. 10. A
nis feudaidh duine teicheadh o 'n f heirg ri teachd ; a nis
feudaidh e faotainn gu dìdein : Ach aon uair is gu 'n dean
am bàs 'obair, druidear an dorus ; cha 'n 'eil tuiUeadh
tairgsean gràis, cha'n 'eil tuiUeadh maitheanais ; Far an do
thuit a' chraobh, an sin is èigin di luidhe.
Biodh na chaidh a radh gu cùramach air a ghabhail gu
cridhe : agus a chum gu 'm bitheadh e gu feum, fuilingibh
dhomh earalachadh oirbh,
Air tiìs, Gu 'n toir sibh an aire gim dòchas a ghabhail
mu nèamb, ach sin a ta air a thogail air stèidh shuidhichte.
Gg

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence