Skip to main content

‹‹‹ prev (268)

(270) next ›››

(269)
261
eamh lasarach an lagha 'ga nochdadh fèin a rìs os a cheann ;
agus tha'm mallachd a' seirm 'na chluasaibh, a chionn nach
'eil e buannachadh anns na h-uile nithibh a ta sgriobhta ann
an leabhar an lagha, chum an deanamh, Gal. iii. 10.
8a cheathramh àite, Air an aobhar so, is èigin da leigh-
eas eile iarraidh air son a thinneis : tha e dol dh' ionn-
suidh Dhe, ag aidicheadh a' pheacaidh, ag iarraidh maith-
eanais air a shon, a' gealltainn faire dheanamh 'na aghaidh
san àm ri teachd, agus mar sin tha e faotainn fois, agus
tiha 6 smuaineachadh gu 'm feud e gu maith fois a ghabh-
ail, do bhrigh gu bheil an Scriobtur ag ràdh, " Ma dh'
aidicheas sinn ar peacanua, tha esan fìrinneacli, agus ceart
chum ar peacanna a mhaitheadh dhuinn," 1 Eoin i. 9. gun
a bhi toirt fa'near gu bheil e glacadh greim air sochair a
bhuineas dhoibhsan a mhain a ta air an suidheachadh ann
an Criosd, agus a ta fàidh choimhcheangal nan gràs, agus
nach urrainn dhoibhsan a ta 'nan geuga a' fòs air an t-seann
stoc fathast a thagar : agus ann an so, air uairibh tha
geallanna agus bòidean air an deanamh an aghaidh an
leithide so agus sin do pheacaidh, agus a' ceangal gu 'n
leithide so agus sin do dhleasnais àraidh. Mar so tha mor-
an a' dol air an aghaidh fad an uile làithean, gun eòlas
aca air diadhachd sam bith eile ach a bhi coi-lionadh
dleasnais agus ag aideachadh, agus a' guidhe air son maith-
eanais air son an ni sam bheil iad a' teachd goirid ; a'
gealltainn sonas siorruidh dhoibh fèin, ged tha iad 'nan
tur-choigrich do Chriosd : ann an so tha moran do'n
mhuinntir thaghta air an tilgeadh sios leònta, agus moran
do mhuinntir thilgte air am marbhadh ; an uair nach 'eil
lota a h-aon diubh domhain gu leòr, gu 'n gearradh o 'n
stoc nàdurra. Ach tha Spiorad an Tighearn a' toirt fath-
ast buille eile do'n ghèig a ta ri bhi air a gearradh dheth,
a' nochdadh dha, nach 'eil e fathast, ach naomh o'n taobh
a mach, agus tha e foiUseachadh dha nan ana-mianna
gràineil a ta chomhnuidh 'na chridhe, do nach d' thug e
aire roimhe, Rom. vii. 9. " Air teachd do'n àithne, dh'
ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs." An
sin tha e faicinn a chridhe 'na òtrach do mhiannaibh
ifrionnail, air a lionadh le sannt, uabhar, mì-run, salchair-
eachd, agus an leithide sin. A nis, co luath as a tha dorsa
seomraiche iomhaigheachd fèin mar so air am fosgladh
dha, agus a ta e faicinn ciod a ta iad a' deanamh san dorcha,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence