Skip to main content

‹‹‹ prev (259)

(261) next ›››

(260)
252
aimh, ag ràdh " ioc dhomh na bheil agam ort!" 'nuair,
mo thruaighe ! tha a mhaoin air a caitheamh gu struitheil.
(3.) Tha na h-uile saothair agus costus a chaithear air a'
chraoibh a chaill a beatha, air an call : is ann an diomhain
a shaothraicheas daoine gu toradh fhaotaiun air na geuga,
'nuair nach 'eil brìgh san fhreumh. Air tùs, Tha saothair
a' gharadair caiUte : tha ministeirean a' call an saoth-
air air geuga an t-seann stuic, f had 'sa mhaireas iad air ; 's
iomadh searmoin a ta air an searmonachadh gun eifeachd,
a chionn nach 'eil beatha toirt mothachaidh : feudar daoine
tha nan codal a dhusgadh, ach cha 'n urrainn na mairbh a
bhi air an togail gun mhiorbhuil ; eadhon mar sin, is èigin
do 'n pheacach mharbh buannachadh sa' chor sin, mur bi e
air aiseag gu beatha le miorbhuil gràis. San dara àite, Tha
feartan nan nèamh air an call air a leithid sin do chraoibh :
'S ann an diomhain a ta 'n t-uisge a' tuiteam orra ; 's ann
an diomhain a tha i air a fagail fosgailte do f huachd agus
do reothadh a' gheamhraidh. Tha Tighearna na fion-
ain a' cladhach mu 'n cuairt do iomadh anam marbh, ach
cha'n 'eil iad ni 's fearr : pronn an t-amadan ann an soith-
each-pronnaidh, cha dealaich amaideachd ris ; ged a choinn-
icheas e ioma crois, gidheadh tha e gleidheadh aua-mianna :
Biodh e air a leagail air leaba-tinneis, luidhidh e'n sin cos-
mhuil ri brùid thiun, ag osnaich, ach cha 'n 'eil e ri bròn air
son a pheacaidh, uo a' tionndadh uaithe : amhairceadh. am
bàs fèin air san aghaidh, gleidhidh e gu ladurna a dhòchas,
mar gu'n cuireadh e an teachdair uamhasach gu teicheadh.
Tha air uairibh oibreachadh cumanta an Spioraid air a
dheanamh air : tha e air a chur dhachaidh le ball-chrith
cridhe, agus le saighde mothachaidh saighte 'na anam ! ach,
fa dheireadh, tha e buadhachadh au aghaidh uan nithe sin,
agus a' tionndadh co socrach as a bha e riamh.
San treas àite, Tha 'n samhradh agus an geamhradh an
aon ni do gheuga an stuic mhairibh : 'Nuair a tha muinntir
eile mu 'n cuairt doibh a' briseadh a mach, agus a' teachd
fo làn bhlàth, agus a' toirt a mach toraidh, cha 'n 'eil atharr-
achadh orra-san ; cha 'n 'eil àm fàis idir aig an stoc
mharbh ! Theagamh nach 'eil e furasda aithncachadh, anns
a' gheamhradh, co na craobhan a ta marbh, agus co a ta
beo ; ach nochdaidh an t-earrach gu soilleir e : tha araau-
na ann, anns nach 'cil ach ro bheagan beatha r'a fhaiciuu,
eadhon am measg nau naomh ; gidheadh tha amanna beoth-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence