Skip to main content

‹‹‹ prev (238)

(240) next ›››

(239)
231
a bhreith a rìs : mhiUeadh an aon uireasbhuidh sin a' chùis
uile. Mar gu 'n abradh neach, is corp sin air a dheadh
chumadh, ach tha 'n t-anam air falbh ; cha 'n 'eil ann ach
meall marbh. Is bronach an ni so ri smuaineachadh ;
tha thu deanamh mòran do nithibh a ta annta fèin maith,
ach tha Dia ag radh, cha 'n 'eil eifeachd sam bith sna
nithibh siu, co fhad 'sa tha mi faicinn an sean nadur a'
riaghladh auns an duine, Gal. vi, 15. " Oir ann an losa
Criosd cha 'n 'eil eifeachd air bith anu an timchioll-ghear-
radh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an
cruthachadh nuadh."
Mur 'eil thu air do bhreith a rìs, (1.) Tha t' uile
ath-leasachadh 'na ghraineileachd ann an sealladh Dhè.
Dhruid thu an dorus, ach tha 'n gaduiche fathast san tigh.
Theagamh nach 'eil thu mar bha thu aon uair, gidheadh
cha 'n 'eil thu an ni as èigin duit a bhi, ma chi thu neamh
gu brath : Oir, " Mur beirear duiue a rìs, cha 'n f heud e
rìoghachd Dhè fhaicinn," Eoin iii. 3. (2.) Tha t-urn-
uighean 'nan graineileachd do 'n Tighcarna, Gnàth-fhoc.
XV. 8. Theagamh, gu bheil meas aig muinntir eilo air do
dliiadhachd ! tha thu ag eigheach mar air son do bheatha ;
ach tha Dia a' raeas fosgladh do bheoil, mar a mheasadh
neach fosgladh uaigh, làn do lobhadh, Rom. iii. 13. " Is
uaigh fhosgailte an scornacli." Tha meas aig muinntir
eile air t-urnuighean ; a ta 'nam beachdsan, mar gu 'n
reubadh iad na neaniha : Ach tha Dia 'gam meas mar
dhonnallaich coin ; " Cha do ghlaodh iad riumsa le 'n cridhe,
ged rinn iad donnalaich air an leabaichibh," Hos. vii. 14.
Tha muinntir eile ga d' ghabhail mar ghleachdair agus mar
f hear-tagraidh ri Dia ; ach cha 'n urrainn dhasan tlachd a
ghabhail aon chuid annad fèin no ann ad urnuighean, Isa.
Ixvi. 3. " Tha esan a mharbhas damh, mar gu 'm mortadh
e duine, esan a dh' iobras uan, mar gu 'n cuireadh e 'n
ceann do mhadadh : — esan a loisgeas tuis, mar gu 'm bean-
naicheadh e iodhol." C' arson, ach a chionn gu bheil thu
fathast ann an domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach
na h-eucorach ? (3.) Tha gach ni a rinn thu airson Dhe
agus airson aobhair anns an t-saoghal, ged a dh' f heudas
iad bhi air an leantuinn le duaisean aimsireil, gidh-
eadh caillte, thaobh gabhail riu le Dia. Tha so soil-
leir chor lehu ; a bha gun amharus air a dhuaiseachadh
le rìoghachd, airson e chur an gniomh dioghaltas dligh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence