Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
42
Gen. iii. 5, 6. Tha aon ni araid do ghnàth air chall ; air
chor as gur creutair an duine a ta air a thoirt gu caoch-
laidhean. Agus ma tha neach sam bith a' cur so an teag-
amh, amhairceadh iad air gach ni a ta iad a' sealbhach-
adh ; agus an duigh dhoibh ath-shealladh a ghabhail diubh,
èisdeadh iad ri'u cridheachaibh fèin, agus cluinnidh iad
gearan uaigneach air son ni èigin araid nach 'eil aca ;
ge do dh' theudadh e bith, nan d' thugadh iad fa'near a'
chùis gu ceart, gu faiceadh iad gur fearr dhoibh an ni araid
sin a bhi dhìth orra. O'n àm san do ruith cridheachan
ar ceud phàrantan a mach air an sùilibh, air a' mheas
thoirmisgte, agus a bha le sin oidhche dhorcha air a tabhairt
air an t-saoghal, aig an sliochd tha galar nàdurra, ris am
bheil Solamh ag ràdh Seacharan a' mhiann, (no mar a ta'm
focal a' ciallachadh, " Imeachd an anama.") Ecles. vi, 9.
Is gnè do nèul diabhlaidh so, sam bheil an t-anam ag imeachd
air feadh an t-saoghail, g'a bheathachadh fein le mìltibh do
ftithibh faoin ; a' glacadh a' mhaise chruthaichte so agus
sud eile ann an smuaintibh agus ann am miann ; a' dol an
so is an sin, agus do na h-uile àite, ach an t-àite d' am bu
choir dha dol. Agus cha'n 'eil an t-anam gu bràth air a
leigheas o'n ghalar so, gus an toir gràs buaidh 'na thoirt
air ais, gu fois shiorruidh a ghabhail anu an Dia, tre
Chriosd. Ach gus an tachair so, ged rachadh duine a rìs
a chur ann am Phàras gàraidh an Tighearna ; cha chum-
adh na tha do thoil-inntinn an sin e, o amharc, seadh agus
o lèum thar a' gharadh an dara uair.
San t-seachdamh àite, Nach 'eil sinn gu mor ni's luaithe
air ar n-aomadh le droch comhairlibh agus le droch eis-
empleiribh, no leo siu a ta maith ! Chi sibh gu'm b'e so
sgrios Adhaimh, Gen. iii. G. 'Se droch eisempleir gus an
la'n diugh aon do na h-innleachdan mòr a ta Satau a"
gnàthachadh a sgrios dhaoine. Agus, ged tha do thaobh
niduir, tuilleadli againn do nàdur an t-sionnaich no do
nàdur an uain ; gidheadh thug cuid fa'near eadhon anns
a' chreutair so, mar leumas aon uan do'n uisge, gu'n lean
a' chuid a ta dlùth dha gu h-ealamh 'na dheigh ; feudar so a
thoirt fa'ncar, mar an ceudna mu nadur cloinn nan daoine :
d'am bheil c ro nadurra, gu'n lean iad droch rathad, a
chionn gu bheil iad a' faicinu rauinntir eile air an t-slighe
sin air thoiseacli orra. Tha neart aig droch eisempleir
gu tric cosmhuil ri sruth laidir, gu'r giulan thar dleasd-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence