Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
13
gu'm b'e am bagradh peanas siorruidh ann an ifrinn : ui
'nuair a dh' fhàg an duine e fèiu buailteach dha, bha
Criosd air a ghealltuinu a chosnadh beatha maireannaich
le 'bhàs, Agus tha Criosd efèin a' miueachadh geallaidh
coimhcheangail nan oibre mu thirachioU beatha mair-
eannaich, 'nuair tha e gealltuinn cumha a' choimhcheangail
sin do dhuine òg uaibhreach, neach ged nach robh stòras
Adhaimh aige, a bha gidheadh, ag iarraidh dol a steach gu
beatha ann an rathad oibreachaidh, mar bha Adamh gu
dheanamh fuidh'n choimcheangal so, Mata xix. 17. " Ma's
àill leat dol a steach chum na beatha, ('se sin ri ràdh, beatha
mhaireannach le deanadas, rann 16) coimhid na h-àitheanta. ■— •*^
B'e bàs ampeanas, Gen. ii, 17. " Anns an là dh' itheas
tu dheth, gu cinnteach bàsaichidh tu," Bha'm bàs a bh'air
a bhagradh, mar bha bheatha a bh'air a geaUtuinn, agus sin
gu ro-cheart, eadhon, bàs aimsireil, spioradail, agus sior-
ruidh. Tha na thachair a' mineachadh so ; oir anns a'
cheart là san d'ith e dheth, bha e 'na dhuine marbh san
lagh ; ach cha do chuireadh a bhinn an gniomh air baU, a
chionn gu'n robh a shliochd 'na leasraibh, agus gu'n robh
coimhcheangal eile air uUuchadh : gidheadh, f huair a chorp v.^ ^
air an là sin fèin a bhuiUe-bàis agus dh'fhàs e bàsmhor < '• .'^
Rinn bàs mar an ceudna greim air anam ; chaiU e a cheud
f hireantachd, agus deadh-ghean Dhè ; mar dhearbhadh air
so, gabh beachd air a bhioradh agus air a ghearradh coguis,
a thug air e fèin fholach o Dhia. Agus dh'f hàs e buailt-
each do bhàs siorruidh, a leanadhgu cinnteach air a dhèigh,
mur bitheadh Eadar-mheadhonair air uUuchadh, a fhuair
ceaugailte e ann an cuibhrichibh a' bhàis, mar cheannairc-
each uUamh gu bhi air a chur gu dìth. Mar so tha beachd
ath-ghearr air a thoirt air a' choimhcheangal gus an d'thug
an Tighearn an duine, ann an staid na neo-chiontachd.
Agus an ni suarach leibhse, gu'n robh talamh mar sin
ann an co-chomunn ri neamh ? Cha b'urrainn so bhi air
a dheanamh do neach ach dhasan air am bu toil le Righ
neimh urram a chur. Bu ghniomh gràis e, airidh air an
Dia ghràsmhor a bha ann an deadh-ghean da ; oir bha
gràs agus saor-ghean maith anns a' cheud choimhcheangal,
ged a bha saoibhreas ro phailt d' ghràis, (mar a deir an.
t-Abstol ris, Eph. ii. 7.) air a ghleidheadh airson an dara •
coimhcheangail. Gu cinnteach bu ghniomh gràis, deadh-
ghean, agus irioslachaidh iongantach ann an Dia, gu'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence