Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
10
toillteanais Chriosd, a bha umhal eadhon gu bàs. Agns an so
tha barrachd aig creidmhich air Adhamh, anns nach urrainn
iad gu bràth tuiteam gu h-iomlan, no gu h-uile o ghràs.
Mar so bha'n duine air tùs fireanta, air dha bhi air a
chruthachadh a rèir coslais Dhè fèin, Gen. i. 27. ata a'
co'-sheasamh ann an dearbh bhuaighibh an eòlais, na fir-
eantachd, agus na naomhachd, Col. iii. 10 ; Eph. iv. 24.
Bha gach ni a riun Dia ro mhaith, a rèir an naduirean fa
leth, Gen. i. 31. Agus mar sin bha'n duine direach agus
maith, air dha bhi air a dheanamh a rèir iomhaigh-san a ta
maith agus direach, Salm xxv. 8. As eugmhais so, cha
b'urrainn e freagradh do'n chrich mhòir a bha 'na chruth-
achadh, ni a b'e eòlas a ghabhail air Dia, gràdh agus seir-
bhis a thabhairt da a rèir a thoile. Cha b'urrainn dha bhi
air a chruthachadh air dòigh eile ; oir b'èigin da bhi co'-
f hreagarach ris an lagh, 'na bhuaighaibh, 'na nàdur, agus
'na iarrtuisibh, no bhi an aghaidh sin ; mu bha e air a
chruthachadh mar sin, bha e fireanta ; agus mu bha e an
aghaidh sin, bha e 'na pheacach ; ni a ta neo-reusanta agus
uamhasach ri smuaineachadh,
MU CHEUD SHONAS AN DUINE.
San dara àite, Leigidh mi f haicinn cuid do na nithibh
a bha'n co'-chuideachd no a shruth o fhireantachd ceud
Btaid an duine. Tha sonas a' sruthadh o naomhachd ; agus
mar a bha'n staid so naomh, mar sin bha i sona.
Sa' cheud àit, Bha'n duine aig an àra sin, 'na chreutair
ro ghlormhor. Tha aobhair againn a bhi smuaineachadh,
mar a dhealraich aghaidh Mhaois 'nuair a thainig e nuas
o'n t-sliabh ; gu'u robh aig an duine gnùis soilleir agus
taitneach agus maiseacli, am feadh 'sa bha e fathast gun
dorchadas sam bith ann. Ach a cheann gu bheil Dia fèin
glormhor ann an naomhachd, Ecsod. xv. 11. is cinnteach
gu'n d' rinn a' mhaise spioradail a chuir Dia air an duine
'nuair a chruthaichcadh eT 'na chrèutair fior-ghlormhor
e ! cionnus a dheah-aich solus 'na chaithe-beatha naomh
gu glòir a Chruitheir I am feadh nach robh anns gach
uile ghniomh ach boilsgeadh deah'ach do'n t-solus ghlor-
mhor neo-choimeasgta sin, a chuir Dia a suas 'na anam ;
ara feadh a mhair an lòchran gràidh sin, a shoillsich o
nèamh a' lasadh 'na chridhe, mar anns an ionad naomh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence