Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
38
AN GAIDHEAL.
Ceud Mhios an Earraicli, 1S70
fior gur e an t-aon is isle buaidh-
ean is airde cliii mar Ughdar Laoidh-
ean — 's e siu Padniig Grannd a
chaith a bheatha fhada gu h-ur-
ramach an Strath-Spè. Gun
teagamh am measg nan Soisgeulaich-
ean a dli' fhag an rioghachd so o
am gu h-àm, 's a chaith am beatha
a' saoithreachadh an duthchannaibh
cein, cha 'n aithne dhomh aon is
airidh air cliu na's airde na'n Dr.
Seumas MacGriogair ach a mhain
Peairteach mar bha e fein a tha
fathast maille ruinn, Dr. Duff; ach
cho robh MacGriogair oho buadh-
mhor mar Bhard 's a bha e mar
dhuine 's mar Shoisgeulaiche. Bu
duilich leam ni searbli a' radh mu
'n duine' urramach so; ach tha aon
ni gu soTiruichte a tha 'diteadh nan
Laoidhean aige ann am bheachdsa
— 's ■ e sin mar tha moran de 'n
chainnt 's de'n srauain air an
tarruing o Bhaird eile agus gu
sonruichte o Dhonnachadh Ban Mac-
an-t-Saoir. Tha a cheart rann
agus moran de'n chainnt anns an
do sheinn Donnachadh Ban cUù
Mhairi Bhàn Og aig MacGriogair
a' cur an ceill a ghraidh d'a Fhear
Saoraidh. Cha 'n e mhain so.
Chuir Donnachadh bochd an
"Cum-ha" a' rinn e do Choii'e-
cheathaich ri fonn port-damhsa cho
iuHagach 's a th' againn — Flowers of
Edinburgh ; agus mar gum biodh
gacli ni ceart a tliigeadh o Mhac-an-
t-saoir ghabh MacGriogair an rann
agus cuid de'n chainnt ann an Laoidh
d' an d' thug e mar ainm An Gcaran!
Chaoin Donnachadh Ban Coire
Cheathaich mar so : —
"Is duilich leam an chradh
Th' air coire gorm an fhàsaich
'8 an d' fhuair mi greis g' am àrach
'S a bhraighe ud thall," &c.
agus ghearain MacGriogair a staid
spioradail fein mar a leanas :—
" Is duilich leam mar tha mi,
A' siubhal le mo namhaid.
Gun umhail do na h-aintibh,
'S mo ghradh dhoibh cho fann :
'S iomadh fear a bharr orm,
Tha siubhal reir a naduir,
'S e 'n lagh tha fulang tamailt,
'Us taire nach gann," &c.
Chuala mi iomradh air bantrach
Piobaire a chaidh, beagan laithean
as deigh bàis a fir, a dh' fhaicinn na
h-uaighe. Ghuil abhantrach bhochd
gu goirt, phòg i 'm fòid £0*11 robh
fear a graidh 'n a luidhe, agus dh'
eirich i gu dubhach a dhol dachaidh.
Clia robh e soirbh dh'i a cùl a tlioirt
ri " leabadh chaol " a fir ; agus
fathast 'n a seasamh air an uaigh,
chaidh a cuimhne air a h-ais gu
laithean a h-oige, an uair a chuir i
eolas air a' Phiobaire. Bha
na cuimhneachain taitneach, oir
" gheibhear gairdeachas 's a' bhròn."
Thog smuain na bantraichgunadurra
a dh' ionn&aidh nam |x>rt a bu toigh
leis a' Phiobaire bhi cluich air a'
phicb. ' Bha aon phort gu sonruichte
air an do shocruich a. h-inntinn.
" Bha do speis do'n phort so, a
ruin," arsa bhantrach, "riamh
ro mhèr, agus is m.aith tha flos agam
c'arson, 's e am port a bhithinn fein
an comhnuidh ag iarraidh ort a
chluich an uair a bha sinn a' suiridh.
Cha leig mi am port sin air di- :
chuimhne gu brath." ■ Leig a' •
bhantrach bhochd air di-chuinahne ;
aobhair a turais. Chaidh a giulan !
air a h-ais, le cumhachd na smuain,
gu bliadhnachan a h-òige 's a sunnd ;
agus, mu'n d' thug i 'n aire c' àite
an robh i, sheinn 'us dhanns' i 'm
port air uaigh a fir nach robh seachd-
uin marbh. Saoilidh mi gu bheil
Donnachadh Ban a' caoidh Choire-
Cheathaich, agus Seumas MacGriog-
air a' gearan a pheacanna, ri fonn
Flowers of Edinlmrgh, cho fada air
seacharan ris a' bhantraich agus
nach 'eil leth-sgeul na bantraich aca.
Cha d'thug MacCoinnich àite do
Dhonnachadh Dughallach ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence