Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
u
AN GAIDHEAL, Treas MIos a- Gheamhraidh, is
nan galar sin. Cuir car dhiot, a
bhean, agus feiicli ciod a's fearr a
th'agad."
M. — "Dean foigliidinn, a Choin-
nich, dean foighidinn, dli' fhuirich
do mhàthair r id' bhreitli, agus cha'n
i1)ulnghacabhag, — tha Seònaid tràth
ni's leòir, oia dhiu cha'n 'eil aobhar
a bhi 'tilgeadh an tighe bun os ceann.
Ach ciod na ciiisean mòr a ta 'dol
air an agbaidh aig a' Chaisteal an
diugh? Chunnaic mi reultan a'
sguabadb nan speur, agus a' bois-
geadh mar dhealanaich a thall 'sa
bhos, an uair a bha mi 'dluthachadh
ris a' Ghoirtean-Fhraoich a chi-
anamh, agus chuala mi ceòl, èigh-
each, agus luath-ghair air na raoin-
tibh."
C. — "Cha'n 'eil teagamh agam,
oir bu mhòr an la a bh' ann an
diugh. Einn corr is tri chèud suidh
sios aig an dinneir 's an talla mhòr,
agus Sir Seuraas fein air an ceann ;
agus b'i sin an dinneir ! Cha'n f hac
mise a leithid riamh, agus cha'n
f haic. Mar a thubhairt am filidh : —
'N talla 'n fhir fh^il,
Bha piob is dh,n ;
Lasair de'n ch^ir,
Sithionn beinne,
'S deochan an c6in,
O thir ro bhlàth,
'N kros an tsaoidh,
Cha robh gainne.
M. — " Ach ciod a bha iad' dcan-
amh ro an latha ? "
C. — " Ciod nach robh iad a' dean-
amh] A' ruith air na cnocaibh; a'
leumadh, a' tilgeadh na cloich-neart,
a' cur a' chabair, agus ag iomairt
gach cleas eile. Bha òighean agus
òganaich, mnathan agus clann, aith-
richean agus màthairichean, gach
inl)h agus aois a' ruith air feadh a'
ch6ile, agus Sir Sèumas, le 'bhreacan
an fhèile, 'sa bhonaid bhinnich,
'gam brosnachadh chum iad fein a
dheanamh toilichte. Eè an latha
bha gach goireas air a sgaoileadh a
raach ann an clàraibh air an raon,
aran de gach gnè, — caise, — deochan
milis, — gach seòrsa fiona, — tog-
saidean leanna,— buidealan de 'n
uisge bheatha, — agus lionmhorachd
nithe air nach do chuir mi sùil riamh,
— agus an deigh sin, cha'n aithnichte
air neach gu'n d' òl e boinne. An
uair a thuit an oidhche thòisich iad
iad air oibrichean-teine a bha da
rireadh ro mhiorbhuileach, a rinn-
eadh le cuideachd a thainig a baile
Ghlaschu ; ach, a ghràidh mo
chridhe, chith thu fein na nithe sin
uile am maireach, agus uile laithean
na seachdain. Cosdaidh iad na
miltean do Shir Seumas, ach is
comadh leis sin, air da buaidh a
thoirt air an t-Sasunnach, olc air
mhaith leis e."
M. — " Is cinnteach mi gu'm bheil
sgios ort, a Choinnich, an deigh co'-
roinn a bhi agad dheth na nithe sin
uile, agus cha'n e sin a mhain, ach
bha thu gun teagamh 'nam measg-
san a bha 'riaghladh nan cùise, agus
'gan cur ann an òrdugh."
C. — " Labhair Sir Seumas ri corr
is fichcad 'nar measg, chum sùil a
bhi againn gu'm biodh gach ni ceart,
agus gu'm biodh pailteas aig na h-
uile, gun dearmad air an aon as
lugha. Ach rinn an t-òganach so,
am ballach ban so, cuideachadh mòr
leinn. Is Granndach A Srathspe e,
— caraide dhomhsa, a thainig gun
fhios gun aire a shealltuinn oirnne
an de, agus cha'n fhag e sinn re na
seachdain. Ma tha deigh agad, a
Mhurachaidh, air oran Gaidhealach,
tha deagh chàil aige, agus mar an
ceudna, deagh aireamh de dh' òr-
anaibh ro thaitneach."
M. — "Bhiodh oran laghach gle
thaitneach agus gun dolaidh sam
bith, ma's i toil an òganaich aon a
sheinn duinn."
C.^ — " Cuir ruit, a Sheumais, agus
thoir duinn, —
' Cumhadh an oicrfhir air son a' leannain'.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence