Skip to main content

‹‹‹ prev (188)

(190) next ›››

(189)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 173
Clann lonmhuinn o 'n chrethicli,
Fir ghle ghlan gun smur,
Luchd na 'n cuilibheire gleusda,
N'am feuma nach diult;
Thig Niallaich air saille,
Air bharabh na 'n sugh ;
Le 'n cabhlach luath lan-mhor,
Bho bhaghan nan tur.
Clann Illean o' n Dreohiinn,
Theid sanntach 's an ruaig,
Dream a chlosadh ainneart,
Gun taing choisinn buaidh,
Dream rioghail do chiosaicht,
Nach striochda' don t' sluagh,
'S iomad mile deas-direach,
A bheir intinn dhuibh suas.
Gur guineach na Guimhnich,
Nam bhristeadh cheann,
Bhiodh cnuachdan ga 'n spuachdadh,
Le cruadal 'ur lann ;
Dream uasal ro uaibhreach,
Tha dual dhibh 's n' fhraing,
'S ann o Dhiarmaid do shiolaich,
Por lionmhor nach gann.
Tha Stiubhartaich ùr glan,
Nam fiurain gun ghiomh,
Fir shunntach nan lu-chleas,
Nach tiontaidh le fiamh ;
Nach gabh curam roimh mhuisig,
Cha b'fhiu leo bhi crion,
Cha bu shugradh do dhughaill,
Guis a bhuin dhibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence