Skip to main content

‹‹‹ prev (179)

(181) next ›››

(180)
1()4 COMIICHRUINNEACHA DO
Chluinte fathram na 'n ramh,
Bho 'n charraig a snamh
'S bhiodh barrant an lamh gach seòid.
Cha 'n iarradh i moll,
Na fodor na pronn,
Ach sadadh na 'n tonn ra froin.
Be sud m' aighear 's mo mhiann,
Ge do ghhaisich mo chiabh,
'S cha bu shlat agus srian am dhòrn.
Gad thigeadh an ruaig,
Le caitheamh a chuain,
Cha luidhe oirn fuachd na leon.
Nuair a ghabhta gu tamh,
Ann a'n cala port sheamh,
Cha b' f haUain bho 'm laimhs an ron.
Bhiodh eilid na'm beann,
Ga tearnadh le gleann,
'S mo pheileir gu teann na lorg.
Bhi ga feannadh air hiib,
Fo mheaUaibh na stuic,
Ga 'm b' aUainmo shunt bho 'n doigh.
Bhiodh air sgianaibh-sa gèur,
Gu feannadh a'n f heidh,
'S cha b' annas a'n gleus sin oirn.
Fhir a dh' imicheas a niar,
Bho nach cinteach mo thriall,
Bi 'g inse gur bliaghn gach lo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence