Skip to main content

‹‹‹ prev (124)

(126) next ›››

(125)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 109
Cha bu tais 's cha bu tla u,
Macrachd suas roimh 'n bhragada,
Air each aigiontach ard nan ceithir brog.
Cha bu, &c.
Cha bu chlaoghaire truid u,
Dol an aghaidh an trupa,
Ceim air t-aghairt nan uchd be do nòs.
Cha bu, &c.
Cha robh cron ort ri aireadh,
Gad a schribht e air paipeir,
Ach mhead sa bha n ardan ad shroin.
Cha robh, &c.
Stric mi smuainteach roimh latha,
Nach do dhio'ail u t-athair,
Sud a mheadaich droch dhath air mo neoil.
Stric mi, &c.
Am fear liath bha 's an charraig,
Dul iaruinn ma bhallaibh,
Faiceadh Dia gum be m barranta sloigh.
Am fear, &c.
Ach tha mo mhuingin an Criost,
Gum bi latha ga dhiol sud,
Mu'n teirig do mhiorbhuilean mor.
Ach tha, &c.
Ach f huair mi sgeul o Dhunchanan,
Bhrist leus air mo sheallamh,
Mo chreach leir nach robh Alastair beò.
Ach f huair, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence