Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
dh'orain thaghta ghatdhealach.
Olaidh mi a' Treig mo theann-shath,
Na dhèidh chabhi mi fu' mhulad,
Uisge glan na m fuaran fallain,
O'n seang am fìagh a nì 'n langan.
'S buan an comunn gi:n bhristeadh,
Bha eatar mise 's an t-uisge,
Sugh na mor bheann gun mhisge,
Mise ga òl gun trasgadh.
'S ann a bha 'n communn bristeach,
Eadar mise 's a Chreag-sheilich,
Mise gu bràth cha dìrich,
Ise go dìlinn cha teirinn.
On labhair mi sibh gu lèir,
Gabhaidh mi fhèin dibh mo chead,
Dearmad cha dean mi san àm,
Air fiaghach gleann na m beann beag.
Cead is truaighe ghabhas riàmh,
Do 'n f hiaghach ba mhòr mo thoil,
Cha 'n fhalbh le bogha fui' m' sgèith,
'S gu la bhràth cha leig mi coin.
Mise a's tusa ghadhair bhàin,
'S tursach air turas do 'n ealain,
Chaill sinn an tathunn a's an dàn,
Ge d' bha sinn grathunn ri ceanal.
Thug a choille dhìotsa 'n earb',
'S thug an t-àrd dhìomsa na fèigb,
Cha n eil nàire dhuinn a laoich,
O'n luidh an aois òirnn le chèil'.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence